Fàilte gu An Lòchran

Is e buidheann a th'anns An Lòchran a chaidh a chuir air bhonn ann an 1999 gus ealain agus cultar Gàidhlig ann an Glaschu adhartachadh agus a leasachadh agus gus làthaireachd sheasmhach fhaicinnseach a stèidheachadh do na h-ealain Ghàidhlig anns a bhaile. Tha Glaschu agus Gàidhlig fighte-fuaighte ri chèile. Tha am baile air a bhith na dhachaigh do choimhearsnachd mhòr de luchd-labhairt na Gàidhlig bhon ochdamh linn deug. An-diugh, tha aon a-mach à sia de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a' fuireach ann an Glaschu, no goirid do Ghlaschu. Tha An Lòchran ag amas air na h-ealain Ghàidhlig a' chomharrachadh agus a chultar fhosgladh a-mach dhan mhòr-shluagh.

Bu mhath leinn cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh anns na h-ealain Ghàidhlig.

THA CATHRAICHE ÙR AIG AN LÒCHRAN

 

Tha An Lòchran air leth toilichte Rosemary Ward ainmeachadh mar an Cathrache ùr aca.

 

Tha Rosemary a-nis cuideachd na Stiùiriche air Comhairle nan Leabhraichean as dèidh ceithir bliadhna a chuir seachad aig Bòrd na Gàidhlig na Stiùiriche Foghlam.

 

Chaidh An Lòchran a chuir air bhonn ann an 1999 gus ealain agus cultair Gàidhlig ann an Glaschu adhartachadh agus a leasachadh. Anns an ùine sin, tha a bhuidheann air a bhith an sàs ann an iomadach pròiseact mar “Flower of the West” agus bha An Lòchran glè chudthromach ann a bhith a’ cruthachadh Fèis Ghlaschu agus Ceòl ‘s Craic.

 

Thuirt Rosemary: “Tha mi air leth toilichte uallach Cathraiche An Lòchran a ghabhail os làimh. Tha An Lòchran na phrìomh bhuidheann Gàidhlig ann an Alba aig àm seo agus tha mi a’ coimhead air adhart ri mo chùl taic a thoirt do Dhonnchadh agus am bòrd-stiùiridh airson togail air leasachaidhean agus àrdachadh a thoirt don Ghàidhlig ann am baile Ghlaschu. Mar a chanas iad anns a chànan eile, “Watch this space with interest!” – tha sinn ag amas air rudan ùra, inntinneach a chuir an gnìomh.

 

Airson barrachd fiosrachadh fhaighinn a-mach mun An Lòchran agus na tha air thoiseach orra ann an 2011, coimheadaibh air an làrach-lìn aca: www.anlochran.com

air neo cuiribh post-dealan gu Tha an seòladh puist-d seo air a dhìon bho sgudal. Feumar JavaSgriobt a chomasachadh airson a choimhead. neo air am fòn air       0141 342 4119

THA MANAIDSEAR LEASACHAIDH UR AIG AN LÒCHRAN

Tha An Lòchran air Donnchadh MacNèill ainmeachadh mar am Manaidsear Leasachaidh ùr aca. 'S ann a Barraigh a tha Donnchadh agus tha eòlas farsaing aige ann a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig, air beulaibh agus air cùlaibh a chamara, agus air an àrd-urlar.

Anns an dreuchd ùr aige, bith Donnchadh ag adhartachadh pròiseictean ùra aig am far a bheil Gàidhlig a' gabhail ceum air thoiseach ann an Glaschu. Tron Phlana Gàidhlig aig Comhairle Baile Ghlaschu, 's e cothrom fior mhath a tha seo a bhith ag obair còmhla ri buidhnean eadar-dhealaichte gus na h-ealain Ghàidhlig a leudachadh anns a bhaile. Bith Donnchadh stèidhichte air Sràid Achadh a' Mhansa ann am Partaig còmhla ri buidhnean leasachaidh Gàidhlig eile.

Thuirt Donnchadh: "Tha mi cho toilichte 's a th'ann an obair mar Mhanaidsear Leasachaidh aig An Lòchran fhaighinn. Bho bha mi gle òg, bha ùidh mhor agam as a Ghàidhlig agus anns na h-ealain. Ann a bhith ag obair aig An Lòchran, tha fior dheagh chothrom agam ann a bhith a' cuir ri na h-ealain Ghàidhlig ann an Glaschu, far a bheil dluth cheangal eadar a chànan agus am baile.

Gheibhear greim air Donnchadh air àireamh fòn: 0141 342 4119