View site in / Faic an làrach:
Tachartasan ri thighinn...
|
|
Fàilte gu An LòchranCuir D' ainm Ri Stòr-Data Puist-Dealain An Lòchrain An Seo!Ma tha sibh airson fiosrachadh fhaighinn mu thachartasan An Lòchrain nach cuir sibh ur n-ainm `s ur seòladh post-dealain ris an liosta gu h-ìosal / If you would like to receive the latest information regarding our events please subscribe to our mail list below. An Lòchran & Ceòl is Craic - 25 Chèitean 2013
Gus crìoch a chur air prògram 2012/13, tha Ceòl 's Craic agus An Lòchran a' toirt thugaibh oidhche shònraichte a thaisbeanas cuid den cheòl Gàidhlig agus Albannach as fheàrr a th' ann, tro mheasgachadh de dh'òrain mu dheidhinn gaol, ana-miann agus bristeadh-cridhe. 25 May 2013, Live Music from 19.30, CCA **Cùl a' Bhìogais! - BBC RADIO NAN GAIDHEAL**Cùl a' Bhìogais! - Prògraman Ùra Aotrom!Agus tha fàilte romhaibh a bhith san èisteachd aig na clàraidhean! Dibhearsain agus Plòidh am pailteas! Iain Moireasdan a' cumail ceann a' mhaide ri Iain MacAmhlaigh, Marie NicAmhlaigh agus an sgiobaidhean!
Cuin? Disathairne 01.06.13 agus Didòmhnaich 02.06.13 Càite? BBC Radio nan Gàidheal, 40 Cidhe a’ Chuain Shèimh, Glaschu, G51 1DA Cuiribh fios gu: Catriona Mhoireach air 0141 422 6249 neo post-d gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.
Fàilte gu An LòchranIs e buidheann a th'anns An Lòchran a chaidh a chuir air bhonn ann an 1999 gus ealain agus cultar Gàidhlig ann an Glaschu adhartachadh agus a leasachadh agus gus làthaireachd sheasmhach fhaicinnseach a stèidheachadh do na h-ealain Ghàidhlig anns a bhaile. Tha Glaschu agus Gàidhlig fighte-fuaighte ri chèile. Tha am baile air a bhith na dhachaigh do choimhearsnachd mhòr de luchd-labhairt na Gàidhlig bhon ochdamh linn deug. An-diugh, tha aon a-mach à sia de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a' fuireach ann an Glaschu, no goirid do Ghlaschu. Tha An Lòchran ag amas air na h-ealain Ghàidhlig a' chomharrachadh agus a chultar fhosgladh a-mach dhan mhòr-shluagh. Bu mhath leinn cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh anns na h-ealain Ghàidhlig. Duilleag 1 à 2
|