Fàilte gu An Lòchran

An Lòchran & Ceòl is Craic - 25 Chèitean 2013

 

Gus crìoch a chur air prògram 2012/13, tha Ceòl 's Craic agus An Lòchran a' toirt thugaibh oidhche shònraichte a thaisbeanas cuid den cheòl Gàidhlig agus Albannach as fheàrr a th' ann, tro mheasgachadh de dh'òrain mu dheidhinn gaol, ana-miann agus bristeadh-cridhe.

7.30uf: Ceòl is òrain bho Mischa Nic a' Phearsain, tè òg a tha sìos fhàs aithnichte airson a guth àlainn agus a tàlant ann a bhith a' cluich na clàrsaich.

8uf: Alasdair MacIlleBhàin, seinneadair cliùiteach a bhuannaich Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta, a' toirt thugaibh òrain bhon chiad chlàr aige, Las.

9uf: Co-obrachadh air leth eadar an seinneadair eireachdail Kathleen NicAonghais agus an gaisgeach ciùil Rab Noakes, 's iad a' toirt dhuinn òrain cumhachdach mu ghaol is murt.

Clann fo 14 bliadhna a dh' aois dì-beathte gu 10f.

25 May 2013, Live Music from 19.30, CCA
Tickets £10 / £8 Concessions
Tickets can be purchased on 0141 352 4900 or at 
www.ccaglasgow.ticketsolve.com/shows/873493846/events/on/2013/5/25

**Cùl a' Bhìogais! - BBC RADIO NAN GAIDHEAL**

Cùl a' Bhìogais! - Prògraman Ùra Aotrom!

Agus tha fàilte romhaibh a bhith san èisteachd aig na clàraidhean!

Dibhearsain agus Plòidh am pailteas!

Iain Moireasdan a' cumail ceann a' mhaide ri Iain MacAmhlaigh, Marie NicAmhlaigh agus an sgiobaidhean!

 

Cuin?  Disathairne 01.06.13 agus Didòmhnaich 02.06.13

Càite?  BBC Radio nan Gàidheal, 40 Cidhe a’ Chuain Shèimh, Glaschu, G51 1DA

Cuiribh fios gu: Catriona Mhoireach air 0141 422 6249 neo

post-d gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

 

Fàilte gu An Lòchran

Is e buidheann a th'anns An Lòchran a chaidh a chuir air bhonn ann an 1999 gus ealain agus cultar Gàidhlig ann an Glaschu adhartachadh agus a leasachadh agus gus làthaireachd sheasmhach fhaicinnseach a stèidheachadh do na h-ealain Ghàidhlig anns a bhaile. Tha Glaschu agus Gàidhlig fighte-fuaighte ri chèile. Tha am baile air a bhith na dhachaigh do choimhearsnachd mhòr de luchd-labhairt na Gàidhlig bhon ochdamh linn deug. An-diugh, tha aon a-mach à sia de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a' fuireach ann an Glaschu, no goirid do Ghlaschu. Tha An Lòchran ag amas air na h-ealain Ghàidhlig a' chomharrachadh agus a chultar fhosgladh a-mach dhan mhòr-shluagh.

Bu mhath leinn cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh anns na h-ealain Ghàidhlig.

THA CATHRAICHE ÙR AIG AN LÒCHRAN

Tha An Lòchran air leth toilichte Dòmhnall MacLeòid ainmeachadh mar an Cathraiche ùr aca.

Tha Dòmhnall na Phrìomh Achdaire aig an Scottish Friendly Assurance Society agus tha e cuideachd air Comhairle Stèidheachd agus Dàmh nan Achdairean. Thogadh e ann a Steòrnabhagh agus tha e air a bhith na bhall do Cheòlraidh Gàidhlig Ghlaschu airson iomadach bliadhna. Tha Dòmhnall cuideachd air comataidh Comunn nan Còisirean Ghàidhlig agus bha e cuideachd air comataidh Comunn Leòdhais agus na Hearadh.

Chaidh An Lòchran a chuir air bhonn ann an 1999 gus ealain agus cultair Gàidhlig ann an Glaschu adhartachadh agus a leasachadh. Anns an ùine sin, tha a bhuidheann air a bhith an sàs ann an iomadach pròiseact mar “Flower of the West” agus bha An Lòchran glè chudthromach cuideachd ann a bhith a’ cruthachadh Fèis Ghlaschu agus Ceòl ‘s Craic.

Thuirt Dòmhnall: `S e onair a th’ ann dhomhsa uallach Cathraiche An Lòchrain a ghabhail os làimh agus tha mi a’ coimhead air adhart ris gu mòr. Le taic bhon bhòrd-stiùiridh, tha mi an dòchas gun cuir sinn ris an obair sgoinneil a rinn buill na bùird romhainn. Na mo bheachdsa, tha cothroman air leth ann dhan Lòchran son ealain agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh ann an Glaschu, mar eisimpleir, tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu bhith ann am Pàislig am bliadhna agus tha Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis gu bhith ann an Glaschu fhèin ann an 2014. Tha mi mar sin a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris a’ bhòrd-stiùiridh agus ri bhith a sàs ann am pròiseactan mòra mar seo.

Airson barrachd fiosrachadh fhaighinn a-mach mun An Lòchran agus na tha air thoiseach orra ann an 2013, coimheadaibh air an làrach-lìn aca: www.anlochran.com air neo cuiribh post-dealan gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. neo air am fòn gu 0141 341 1025.