Eachdraidh - aithris rùin 'S e buidheann a th' anns An Lòchran a chaidh a chur air bhonn ann an 1999 agus a tha ann am bith airson ealain agus cultar a leasachadh agus adhartachadh ann an Glaschu, agus ionad cultarach a stèidheachadh sa bhaile. Tha sinn a' sireadh gus ìomhaigh a' chà nain agus a' chultair à rdachadh ann an Glaschu le bhith gan toirt mu choinneamh an t-sluaigh fad' is farsaing agus le bhith ag eagrachadh tachartasan à rd-ghnèitheach a bhios a' taisbeanadh saidhbhreas ar nòsan traidiseanta agus sgilean ar luchd-ealain. B' e Flùr an Taoibh an Iar a' chiad iomairt mòr a bha againn, cuirm-chiùil agus taisbeanadh cliùiteach a bha a' comharrachadh òrain agus ceòl Ruairidh is Chaluim Dòmhnallach bho Runrig.
Prionnsapalan Stiùiridh
Tha gach gnìomhachd bunaiteach, ro-innleachdail agus pròiseict An Lòchrain air a stiùireadh leis na prionnsapalan a leanas: In-ghabhail: ann am baile ioma-chultarach, ruigidh An Lòchran a-mach gu na h-uile, ge b' e dè an aois, an tùs cinneadail, an creideamh, an cultar no an comas.
Comas cruthachail: cuiridh An Lòchran comas cruthachail agus nuadhas aig teis-meadhan a ghnìomhachdan uile, a' seachnadh `tochailteachadh' air a' Ghà idhlig agus a' dèanamh follaiseach buntainneas agus cumhachd co-aimsireil cultar na Gà idhlig ann an Glaschu.
Gnè: bidh gnè agus ionracas ealanta bunaiteach do phròiseactan an Lòchrain air fad.
Seasmhachd: Tro dhealas a thaobh co-obrachadh agus leasachadh air com-pà irteachasan agus luchd-èisteachd, oidhirpichidh An Lòchran air à m ri teachd seasmhach a thogail do dh' ealain Ghà idhlig anns a' bhaile.
Luach a bharrachd: Feuchaidh An Lòchran ri luach a bharrachd a chur ri a phròiseactan uile le bhith a' dèanamh là n fheum de an comas a thaobh foghlam, na meadhanan, turasachd agus an eaconamaidh.
|