Mur deidhinn AM BÒRD
Am Bòrd


Aonghas Meldrum, Iseabail Mhoireach, Sean Ó Gallchóir, Sine NicIlleathain, Kenna Campbell, Màiri Bell, Aonghas MacLeòid, Fiona Dunn, Eilidh NicNèill and Sìm MacGuaire.

 

Carole NicIlleathain - Stiùiriche a' Phròiseact

Thogadh Carole ann an Glaschu. Tha ùidh mhòr aice anns a' Ghàidhlig agus a dualchas air sg`th a seanar a bhuineadh do Mhealbhaig air taobh siar Rois. Thar nan 15 bliadhna mu dheireadh tha I air a bhith obair aig a' BhBC agus aig telebhisean Grampian agus Border. Chuir i seachad bliadhna ann an Sabhal Mòr Ostaig ag ionnsachadh Gàidhlig.


Directors

Màiri Bell (Cathraiche)

Bha Màiri, a rugadh ann an Ìle, ag obair mar Mhanaidsear Turasachd airson Fàs Gnothachais aig Iomairt na h-Alba ann an Glaschu, gu o chionn ghoirid.  Tha i a-nis a' caitheamh ùine eadar Ìle agus Glaschu ag obair pàirt-ùine dha Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròisichean mar Mhanaidsear Pròiseict airson Ealain agus Cultar, agus a' ruith gnothachas soirbheachail àite-fuirich do theaghlaichean air saor-làithean.


Sìm MacGuaire

Tha Sìm na Cheannard air An Còmhlan Cruthachail, Buidheann-Comhairleachaidh Inbheachd Chruthachail. Tha pàrantan Shìm à Muile agus Uibhist a Tuath.
 


Caitrìona Nic an Iasgair

Tha Caitrìona a tha à Àrd nam Murchan a' riochdachadh dhaoine òga. Cheumnaich I a Oilthigh Ghlaschu. Tha Caitrìona na Leabharlannaiche Colaiste agus tha ùidh mhòr aice ann a bhith a' seinn òrain Ghàidhlig.


Sean Ó Gallchóir

Tha Sean air a' Ghàidhlig ionnsachadh gu ìre fileanta anns a' chànan. Tha e na mhanaidsear pròiseact aig Colaiste Stow agus tha triùir chloinne aige anns an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha na daoine aig Sean à Dún nan Gall agus Maigh Eó.


Kenna NicUalraig

Tha Kenna, às an Eilean Sgitheanach, ainmeil mar sheinneadair Gàidhlig. Tha i air a dreuchd mar Cheannard Sgoile a leigeil dhith, agus the i a-nis a' teagasg seinn ann an Gàidhlig air a' chùrsa Ciuìl na h-Alba. Tha i air Bòrd-Stiùiridh Pròiseact nan Ealan, buidheann nàiseanta nan Ealan Ghàidhlig.


Sine NicIlleathain

Tha Comunn na Gàidhlig air a riochdachadh tro Mhanaidsear Leasachaidh Sgìreil, Tìr Mòr aig Deas agus tha i air a' chomataidh stiùiridh aig Fèis Ghlaschu. Bha i na pàrant de aon dhen chloinn a chlàraich a chiad latha airson Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu ann an 1985.  Tha Sìne cuideachd air a chomataidh aig Comunn Uibhist agus Bharraigh Ghlaschu.


Aonghas MacLeòid

Tha Aonghas na phàirtear ann am buidheann corpaichte de chompanas luchd-lagha Wright, Johnstone & MacKenzie LLP, le uigh shònraichte aige ann an lagh stòras innteachail agus teicneolas. Chaidh a thogail ann an Inbhir Nis far an do dh' ionnsaich e Ghàidhlig aig glùinean a phàrantan a tha as na h-Eileanan. Nuair a gheibh e 'n cothrom, 's e a chuir-seachad a bhi a seinn 'san t-seann nòs.


Aonghas Meldrum

Rugadh Aonghas ann am Pabail ann an Leòdhas agus chuir e seachad deich bliadhna an sin mus deach e dh' fhuireach faisg air Cinn a' Ghiùthsaigh. Tha e air a' mhòr-chuid dhe bheatha a chur seachad ag obair ann an Glaschu. Bha Aonghas na Àrd Stiùiriche air Tennebt Caledonian Breweries agus, mu dheireadh, mus do leig e dheth a dhreuchd, na Cathraiche air Belhaven Brewery Group plc.


Iseabail Mhoireach

Tha Iseabail na h-oide air a' chùrsa-bogaidh Gàidhlig aig Colaiste Stow. Tha i na tidsear barantaichte ann an ealain agus tha i air a bhith a' teagasg air cùrsaichean ealan aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha Iseabail à Leòdhas.


Coinneach MacThòmais

Bha Coinneach na mhanaidsear aig àrd-ire ann an Seirbheis Nàiseanta na Slàinte gus an do leig e dheth a dhreuchd a 2000. A Ceann Loch Chill Chiarain bho thùs, tha Coinneach
Stiùireadair air Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.


Fiona Dunn

'S e Fiona Oifigear na Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu agus 's e neach-ionnsachaidh fileanta a th' innte. Tha i na seinneadair Gàidhlig agus bhuannaich i an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2004 agus Bonn Òir Tìm an Òbain ann an 2005.


Eilidh NicNèill

Tha Eilidh na h-Àrd-Oifigear air an Roinn Saor-thoileach aig Comhairle Bhaile Ghlaschu. (GCVS)


Alison Cullen

Stèidhichte ann an Glaschu, tha Alison na h-obraiche leasachaidh dha Comhaltas, a' bhuidheann as motha a tha an sàs ann an gleidheadh agus adhartachadh ceòl traidiseanta na h-Èireann.


Cairistìona Mhoireasdan

Thogadh Cairistìona Mhoireasdan ann an Siabost air taobh siar Eilein Leòdhais agus tha i ag obair mar riochdaire telebhisean neo-eisimeileach stèidhichte ann an Glaschu. Chuir i Corcadal Productions air bhonn ann an 2007, a' toirt phrògraman gu buil dha BBC Alba agus tha i cuideachd ag obair air a ceann fhèin mar riochdaire/stiùiriche.