Clachan-mìle an Lòchrain 1999 - Sgrùdadh air comasachad a thaobh Ionad Gàidhlig. 2000 - Tha buidheann de luchd-ùidh air an stèidheachadh mar a' chiad Bhòrd-stiùiridh.
2000 - Fastadh Stiùiriche Pròiseict.
2002 - Bùth-obrach co-chonaltraidh poblach gus cinn-uidhe a leasachadh.
2003 - Fastadh Oifigear Leasachaidh Ealain ann an Glaschu.
2004 - A' chiad Ceòl 's Craic - a-nis stèidhichte mar Chlub Ealain Gàidhlig mìosail le luchd-ealain Gàidhlig a' còmhdach gach raon de na h-ealain.
2004 - A' chiad Fhèis chloinne - prògram seachdaine de bhùithtean-obrach ann an ceòl, dannsa, clàrsach, dràma, ealain agus sgeulachdan.
2005 - A' chiad tachartas taisbeanaidh - Flùr an Taoibh an Iar, coimisean tùsail stèidhichte air ceòl agus bàrdachd Chaluim agus Ruairidh Dòmhnallach bho Runrig, a' taisbeanadh ealain lèirsinneach, leabhran cuimhneachaidh agus turas ciùil - còrr agus 100 neach-ealain a' gabhail pàirt agus 2,000 duine a' frithealadh.
2005 - Cur-air-bhog den chiad Ro-innleachd Ealain Ghàidhlig ann an Glaschu 2006-2009.
2006 - An trìtheamh Fèis chloinne - 76 neach cloinne a' com-pàirteachadh.
2006 - Leasachadh air prìomh phròiseactan airson Bliadhna Cultair Gàidhealtachd na h-Alba agus an roinn phroifeiseanta.
2006 - Prìomh thachartas - Cèilidh Òir Fergie - aig an t-seann Fruitmarket ann an Glaschu. Feasgar sònraichte gus dreuchd-beatha 50 bliadhna Fergie Dòmhnallach a chomharrachadh, sàr-chluicheadair bocsa putain agus stiùiriche còmhlain-ciùil. 2007 - Chan eil 'V' ann an Gàidhlig - co-riochdachadh ùr-ghnàthach eadar An Lòchran agus Companaidh Cluiche TAG gus pròiseact cluiche ùr brosnachail a chruthachadh, a' tighinn gu ceann ann an trì cluichean sònraichte ann an Taigh-cluiche nan Saoranach ann an Glaschu.
2007 - Tachartas cudromach - Cèilidh dha Kenna. Feasgar a' nochdadh urram do dh'obair ionmholta Kenna Chaimbeul an lùib Ealain agus Cultar Gàidhlig.
2007 - An 4mh Fèis Ghlaschu - 86 neach cloinne a' gabhail pàirt.
2008 - Co-obrachadh le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ann an dèanamh sreath de chairtean Nollaige.
2008 - An 5mh Fèis Ghlaschu - còrr agus 100 neach cloinne a' gabhail pàirt.
2009 - Com-pàirteachadh ann am Fèis Aidh Sgrìobh
2009 - Bùithtean-obrach dràma sna sgoiltean.
2009 - Com-pàirteachadh ann am Fèis an Taoibh an Iar a' tighinn gu ceann le feasgar Dràma sònraichte ann an Colaiste na Pìobaireachd.
|