|
THA MANAIDSEAR LEASACHAIDH UR AIG AN LÃ’CHRAN |
|
|
|
|
Sgrìobhte le Duncan
|
|
Diardaoin, 15 Luchar 2010 15:45 |
|
Tha An Lòchran air Donnchadh MacNèill ainmeachadh mar am Manaidsear Leasachaidh ùr aca. 'S ann a Barraigh a tha Donnchadh agus tha eòlas farsuing aige ann a bhith ag obair anns na meadhanan Gà idhlig, air beulaibh agus air cùlaibh a chamara, agus air an à rd-urlar. Anns an dreuchd ùr aige, bith Donnchadh ag adhartachadh pròiseictean ùra aig à m far a bheil Gà idhlig a' gabhail ceum air thoiseach ann an Glaschu. Tron Phlana Gà idhlig aig Comhairle Baile Ghlaschu, 's e cothrom fior mhath a tha seo a bhith ag obair còmhla ri buidhnean eadar-dhealaichte gus na      h-ealain Ghà idhlig a leudachadh anns a bhaile. Bith Donnchadh stèidhichte air Srà id Achadh a' Mhansa ann am Partaig comhla ri buidhnean leasachaidh Gà idhlig eile. Thuirt Donnchadh: "Tha mi cho toilichte 's a th'ann an obair mar Mhanaidsear Leasachaidh aig An Lòchran fhaighinn. Bho bha mi gle òg, bha ùidh mhòr agam as a' Ghà idhlig agus anns na h-ealain. Ann a bhith ag obair aig An Lòchran, tha fior dheagh chothrom agam ann a bhith a' cuir ri leasachadh na h-ealain Ghà idhlig anns a bhaile, far a bheil dlùth cheangal eadar a' chà nan agus am baile".
|