THA MANAIDSEAR LEASACHAIDH UR AIG AN LÒCHRAN Clò-bhuail
Sgrìobhte le Duncan   
Diardaoin, 15 Luchar 2010 15:45

Tha An Lòchran air Donnchadh MacNèill ainmeachadh mar am Manaidsear Leasachaidh ùr aca. 'S ann a Barraigh a tha Donnchadh agus tha eòlas farsuing aige ann a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig, air beulaibh agus air cùlaibh a chamara, agus air an àrd-urlar.

Anns an dreuchd ùr aige, bith Donnchadh ag adhartachadh pròiseictean ùra aig àm far a bheil Gàidhlig a' gabhail ceum air thoiseach ann an Glaschu.

Tron Phlana Gàidhlig aig Comhairle Baile Ghlaschu, 's e cothrom fior mhath a tha seo a bhith ag obair còmhla ri buidhnean eadar-dhealaichte gus na       h-ealain Ghàidhlig a leudachadh anns a bhaile. Bith Donnchadh stèidhichte air Sràid Achadh a' Mhansa ann am Partaig comhla ri buidhnean leasachaidh Gàidhlig eile.

Thuirt Donnchadh: "Tha mi cho toilichte 's a th'ann an obair mar Mhanaidsear Leasachaidh aig An Lòchran fhaighinn. Bho bha mi gle òg, bha ùidh mhòr agam as a' Ghàidhlig agus anns na h-ealain. Ann a bhith ag obair aig An Lòchran, tha fior dheagh chothrom agam ann a bhith a' cuir ri leasachadh na h-ealain Ghàidhlig anns a bhaile, far a bheil dlùth cheangal eadar a' chànan agus am baile".