Taisbeanadh


BNGLogo HIAWARDS
Taisbeanadh
 

Fèis an Taobh Siar

Gailearaidh  


Ag obair ann an com-pàirteachas, ghabh An Lòchran agus Comunn na Gàidhlig pàirt ann am Fèis an Taobh Siar na bliadhna seo gus spiorad coimhearsnachd agus iomadachd chultarach Taobh an Iar Ghlaschu a chomharrachadh.

Bha ar bùithtean-obrach cànain 'Blasad Beag de Ghàidhlig na h-Alba' ag amas air luchd-tòiseachaidh, agus thug Sìne NicIlleathain cothrom do chom-pàirtichean air blasad den Ghàidhlig agus cothrom air faighinn a-mach far às an tàinig facail mar 'smashing, twig, grotty and banshee'. Bha bùithtean-obrach seinn ann cuideachd air an stiùireadh leis a' bhuannaiche dhuaisean seinn ann an Gàidhlig, Maeve NicFhionghain, a chur an aithne don luchd-compàirt an dualchas saidhbhir co-cheangailte ri ceòl agus cultar na Gàidhlig.

Bha na bùithtean-obrach air an cumail ann an Leabharlann agus Ionad Ionnsachaidh Phartaig, agus bha iad cho soirbheachail agus gu bheil sinn an dùil tuilleadh thachartasan a chur air bhonn aig fèis na h-ath bhliadhna.

Bha meas mòr air a' chuairt tro Ghailearaidh Ealain Kelvingrove còmhla ris an neach-teagaisg ealain Eàirdsidh Friseal, a tha a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth, agus fhuair an fheadhainn a ghabh pàirt sealladh às ùr air ar n-ionmhas ealain as fheàrr, bho shàr-obraichean le Rembrandt agus Titian gu Balaich Ghlaschu agus stòrais nan Lochlannach, agus a h-uile mìr den sin tro mheadhan na Gàidhlig! 

Chaidh 'Drama 's Craic', oidhche shònraichte dràma a chumail ann an Ionad na Pìobaireachd air Sràid Otago, agus a' gabhail pàirt bha am buidheann dràma Gàidhlig ùr, Tog-I, air a stiùireadh le Artair Donald. Bha sgeidsichean èibhinn ann an Gàidhlig is Beurla air an cur an gnìomh air àrd-ùrlar do thalla a bha loma-làn, le Daibhidh Walker, Carina NicLeòid, Melissa Deans agus Ruairidh MacÌomhair. Chuir Artair Donald sgeidsichean air àrd-ùrlar bho cholbh mìorbhaileach seachdaineach Eachainn Dhòmhnallaich nach maireann, a bhiodh sa Phàipear Bheag fon ainm 'Aimsir Eachainn', agus bha cluiche sònraichte ann bhon chleasaiche-comadaidh Viv Gee agus ceòl Gàidhlig bho Maeve NicFhionghain agus an cluicheadair giotàir, Barry Reid.


 


Aidh Sgrìobh

Gailearaidh 


Ghabh an Lòchran, ann an com-pàirteachas le Cearcaill na Gàidhlig, pàirt ann am Fèille Leabhraichean Aye Write air Diluain agus Dimàirt 9mh agus 10mh Màirt 2009, ann an Leabharlann Mitchell ann an Glaschu.

Thòisich Cearcaill na Gàidhlig ann an 2007 mar iomairt ùr-ghnàthach gus turasachd a mhargaideachd, agus tha iad stèidhichte air slighe-mara Hopscotch Chaladòinian Mhic a' Bhruthainn eadar an t-Òban, Barraigh, Eirisgeigh, Uibhist a Deas, Beinn nam Fadhla, Uibhist a Tuath, An t-Eilean Sgìtheanach agus Malaig.

Tha an iomairt cuimsichte air luchd-tadhail aig a bheil Gàidhlig agus aig nach eil, agus a' sireadh air saidhbhreas na Gàidhlig agus a cultar a chomharrachadh, chan ann a-mhàin le bhith a' togail air a' phàirt chudromach a tha a' Ghàidhlig air a choileanadh san àm a dh'fhalbh ach nas cudromaiche na sin, buntanas na Gàidhlig ann an saoghal nua-aimsireil an latha an-diugh.

Chaidh na seiseanan Aye Write a  riochdachadh leis an neach-craolaidh Gàidhlig, Patsi NicChoinnich, agus i a' cluinntinn nan tursan pearsanta aig Màiri NicArtair, co-chomhairliche dualchais, sgrìobhaiche agus sgeulaiche, Brian MacUilleam, a bha na Mhinistear Pàrlamaid agus a' chiad neach-deasaiche air a' Phàipear Bheag, Dòmhnall Meek, neach-togail bhàtaichean, maraiche, sgrìobhaiche agus sgoilear agus an neach-cosnaidh dhuaisean, bard, sgrìobhaiche, craoladair agus cleasaiche, Aonghas Pàdraig Caimbeul.

Gach feasgar, bhathar a' tòiseachadh le fiolm ghoirid a bha a' cur an aithne nan tursan a chaidh a chur ri ceòl le Runrig, air an leantainn le conaltradh beothail, sgeulachdan gan innse agus naidheachdan pearsanta a bha a' cur gu mòr ris an t-suidheachadh shocair agus neo-fhoirmeil a bh' ann rè an fheasgair.

Bha dà oidhche glè thlachdmhor aig gach neach a bha an làthair!


 



Pròiseact Bhùithtean-obrach nan Sgoiltean

Gailearaidh

 


Ann an co-obrachadh leis an luchd-obrach dràma, Artair Donald agus Daibhidh Walker, chuir An Lòchran bùth-obrach air bhonn a bha air a dealbhadh agus air a h-innleachadh a dh'aon ghnothaich gus cuimseachadh air sgoilearan anns na h-ìrean as àirde den bhun-sgoil agus sgoilearan àrd-sgoile a tha a' dol troimh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air feadh meadhan na h-Alba. B' e 'A' Chiad Chogadh Mòr' cuspair na bùth'-obrach, agus chaidh suidheachaidhean sòisealta, pearsanta, poilitigeach agus eaconamch a rannsachadh a thaobh mar eisimpleir,  àrdachadh màil, cuibhreannan bidhe agus buill den teaghlach a' dol don chogadh. 

Chaidh bùithtean-obrach a chumail anns gach sgoil thar ochd seachdainean agus ghabh 234 sgoilear pàirt annta. Tha am fiosrachadh air ais bho luchd-teagaisg agus sgoilearan air a bhith glè dheimhinneach agus tha sinn an dòchas a' phròiseact seo a leantainn air adhart an ath bhliadhna. 




 

Kenna's Cèilidh

Gailearaidh


Air Disathairne Dàmhair 27, 2007, chruinnich reultan de luchd-ealain na Gàidhlig air an àrd-ùrlar a chomharrachadh an tabhartais bharraichte a thug.

Ceana Chaimbeul do Chultar is Ealain na Gàidhlig ann an 'Cèilidh son Ceana'.

Cha robh suidheachan falamh aig a' chuirm, a chaidh ullachadh leis An Lòchran agus Acadamaidh Rìoghail na h-Alba son Ceòl is Drama (RSAMD). Bha oidhche mhìorbhaileach ann de cheòl is òrain, le taice bho iomadh sheann charaid agus le Iain Mac Ille Mhìcheil, air a bheil meas mar fhear-taisbeanaidh phrògraman aig a' BhBC, mar fhear-an-taighe.

Bha mòran a ghabh pàirt air buannachd fhaighinn bho theagasg Cheana anns an RSAMD agus aig fèisean. Nam measg bha Seumas Greumach agus Catriona Watt, a choisinn an àrd-dhuais ann am farpais Neach-ciùil Traidiseanta na Bliadhna, Raonaid Walker, a' chiad neach a cheumnaich ann an òrain Ghàidhlig anns an RSAMD, agus an còmhlan-ciùil Sgiobanais a Tiridhe.

A-measg an fheadhainn a bhuannaich Bonn Oir a' Mòid bha nigheanan Cheana, Mairi Anna agus Wilma NicUalraig, nighean a peathar Magaidh NicDhòmhnaill, Art MacCormaig agus Màiri NicAonghais agus Calum Ros, a bha teagasg cuide rithe anns an RSAMD. Bha an còmhlan-luaidh Bannal, a chuir Ceana air chois, a' gabhail pàirt cuideachd.

Bha mòran fealla-dhà air an àrd-ùrlar, fiolm ghoirid ag innse mu gach iomadh euchd a thug Ceana gu buil, bàrdachd mar urram air Ceana a rinn agus a leugh a' bhana-bhàrd chliùiteach Catriona NicGumaraid, agus teachdaireachd phearsanta o chàirdean mar an t-Athair Cailean MacAonghais a Ecuador. Chuir iad uile ri blas socair is neo-fhoirmeil a' Chèilidh.

Cha do ghabh duine de na bha gabhail pàirt pàigheadh agus chaidh prothaid na h-oidhche gu trì carthannais a roghnaich Ceana: An Lòchran, Maoin Deagh-ghean an Luchd-ciùil agus an obair aig an Athair Cailean MacAonghais ann an Ecuador.





Fergie's Cèilidh Gold

Gailearaidh


Air Disathairne 16mh Sultain 2006 aig Seann Mhargaidh nam Measan ann an Glaschu, thug An Lòchran aoigheachd do dh' oidhche mhòr shònraichte airson a bhith a' comharrachadh cùrsa-beatha maighstir bocsa nam putanan agus stiùiriche còmhlan cèilidh Fergie Dòmhnallach.

Fad cùrsa-beatha 50-bliadhna Fergie Dòmhnallaich tha e air còrr air 23 clàran agus sreath se clàran bhideo agus leabhraichean a thoirt a-mach, a bharrachd air a bhith aig mullach nan clàran Albannach ann an 1966 le "The Loch Maree Islands". Chaidh sinn fodha le iarrtasan bho luchd-ciùil a bha airson urram a nochdadh do dh' aon den luchd-ciùil as inbheile a-riamh ann an ceòl dualchasach na h-Alba, agus dh' atharraich mòran dhuibh na planaichean aca airson a bhith aig a' chuirm.

Tha e air misneachd a thoirt do mhòran luchd-ciùil eile leis na cuirmean beò aige, le craoladh rèidio agus telebhisean agus air clàran agus thee air a bhith na fhìor theachdaire airson cultar na Gàidhlig aig tachartasan air feadh na RA agus thall thairis.

Chaidh dearbhadh gum biodh Seann Mhargaidh Mheasan Ghlaschu na fhìor àite freagarrach airson oidhche a bha sònraichte math, le mòran sheann charaidean an làthair, nam measg prìomh chòmhlan Gàidhlig Cliar, agus gu sònraichte Aly Bain agus Phil Coineagan. Bha gach neach den mhìle duine a bha an làthair air an dòigh agus Bean-an-taighe, Mòrag Dhòmhnallach a' putadh Fergie gu bhith ag innse ioma sgeulachd bho na làithean a dh' fhalbh, bhon àm a thòisich e mar chluicheadair bocsa nam putanan agus na stocainnean dearga ainmeil aige. Bha an ceòl air leth mar a bha tarraing-às na h-àrd-ùrlair, agus bhathas a' dannsa anns na trannsaichean nuair a nochd sianar chluicheadairean a' bhocas còmhla ri Fergie airson crìoch shònraichte a chuir air a' chuirm.

Bha e iomchaidh gur e An Lòchran a thug aoigheachd don tachartas, agus chan e a-mhàin gun do shoirbhich leinn le bhith a' reic a h-uile tiocaid, ach chaidh fios a-mach air feadh nam meadhanan nàiseanta a shoilleirich an t-amas againn airson Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Glaschu.

"Nach toir sinn uile ar taic don Lòchran gus dèanamh cinnteach gun tèid ar dualchas agus ar cultar bho neart gu neart ann am baile mòr Ghlaschu. Ma tha àite-cruinneachaidh fhaighinn a' ciallachadh barrachd oidhcheannan mar seo, mar as luaithe a thachras sin 's ann an fhèarr" (Litir à Glaschu)




Fèis Ghlaschu

Gailearaidh

 


Ghabh a' chiad Fèis Glaschu àite anns an Dàmhair 2004 aig Bunsgoil Ghàidhlig Glaschu agus bha e soirbheachail le fichead's a còig cloinne a' gabhail pàirt.

Air a ruith le Cultar agus Spòrs Ghlaschu le taic bho An Lòchran, ghabh Fèis Ghlaschu na bliadhna seo àite ann an Acadamaidh Rìoghail Dràma agus Ciùil na h-Alba. Bha còrr agus 100 neach cloinne a' gabhail pàirt agus bha clasaichean ann airson Seinn Gàidhlig, Fidheall, Clàrsach, Ealain, Camanachd, Dannsa, Feadag, Sionnsair agus Bocsa-ciùil.

 


 


SGÒIL GHÀIDHLIG GHLASCHU

Gailearaidh


Gus a bhith a' comharrachadh gluasad Bunsgoil Ghlaschu chun àrainn ùr aig Taobh na Coille, chaidh an sgoil air adhart le pròiseact airson CD fhoillseachadh ann an co-bhonn le Colaiste Stow. Thàinig Donalda NicThom, Ceannard na Sgoile chun Lòchran le moladh gun deidheadh farpais eagrachadh a' toirt cuireadh do luchd-ciùil pìos a sgrìobhadh, ge bè pìos airson ionnstramaid no òran, fon tiotal "Gàidhlig ann an Glaschu."

Chaidh ochd pìosan ciùil ùr a chur a-steach agus chaidh a' chiad duais luach £500 a thoirt do Suzanne Houston bho Àrd-sgoil a' Phluic.






RO-INNLEACHD

Gailearaidh


An dèidh deagh obair chruaidh, thug e Ro-innleachd Ghlaschu airson na h-Ealain Ghàidhlig a chur air bhog san t-Samhain 2005 ann an Ionad nan Ealain Ghàidhlig Co-aimsireil. Bu mhath leis An Lòchran taing a thoirt seachad airson an taic leantainneach a tha iad a' faighinn bho na com-pàirtichean againn ann a bhith a' libhrigeadh an Ro-innleachd - Comhairle Baile Ghlaschu agus Pròiseact nan Ealan.

Anns an ro-innleachd againn, tha An Lòchran air gealltainn ar prògram bliadhnail na h-Ealain Ghàidhlig a libhrigeadh, mar a tha sinn air a dhèanamh gu soirbheachail airson trì bliadhna a-nis.




 


 

 

 

Cuir a-steach beachd


Còd tèarainteachd
Ath-ùraich