|
09 Cèitean 2005 Tha FIONA NicCHOINNICH a' cluinntinn cuideachd chliùiteach de nas fheà rr ann an saoghal na Gà idhlig a' comharrachadh òrain Chaluim agus Ruairidh Dhòmhnallach.Â
B' e TALLA RÌOGHAIL GHLASCHU an t-à ite airson mòran mhìosan de chleasaichean ealaineach agus sholarach a tharraing gu ceann, le buileachadh air 'Flùr an Taoibh an Iar'. Bha an tachartas cudromach seo a chaidh a ghabhail os là imh leis 'An Lòchran' - buidheann Ealain Ghà idhlig Ghlaschu - na chomharradh air ceòl agus obair an lùib Ealain Ghà idhlig aig an dithis luchd-sgrìobhaidh òrain, Calum agus Ruairiridh Dòmhnallach bho Runrig.
Bha am prògram stèidhichte mu thimcheall an leabhair òrain chliùiteach, 'Flùr an Taoibh an Iar', a sgrìobh na brà ithrean agus a chaidh a thoirt gu buil fo stiùireadh- ciùil Mà iri Anna NicUalraig, Brus MacGriogair, Brian MacAlpain, Phil Coinneagan agus Coinneach MacThòmais.
Leis a' chòmhlan de sheinneadairean Gà idhlig agus luchd-ciùil a bha na lùib, bhiodh e duilich don phròiseact seo gun a bhith soirbheachail. 'S ann ainneamh a thathar air sreath den luchd-ealain as grinne ann an saoghal na Gà idhlig leithid seo fhaicinn, agus bha am faireachdainn san talla na theisteanas air na bha an luchd-èisteachd a' dùileachadh.
Chaidh tùs a chur air a' phrògram leis an òran à lainn eilthireachd sin stèidhichte air a' cheòl-mhòr 'Fraoch à Rònaidh', air a sheinn gun taic-ciùil le Rona Lightfoot, Kenna Chaimbeul agus Mà iri Nic an Aonghais. B' e seo an aon òran den oidhche nach buineadh do Runrig, ach b' e fosgladh freagarrach a bh' ann a bha a' glacadh spiorad agus eachdraidh eileanan Uibhist, far an deach na brà ithrean Dòmhnallach a thogail.
Leanadh seo le coileanadh faireachdainneil air 'Chi mi 'n Geamhradh' leis an t-seinneadair seann-nòs Donaidh M. MacLeòid, le taic co-sheirmeach drùidhteach bho Magaidh Dhòmhnallach à Cliar. Cha b' e na h-òrain ainmeil uile a bha air an seinn agus bha e sònraichte tlachdmhor na h-òrain air nach robhar cho eòlach a chluinntinn, leithid 'Pòg aon Oidhche Earraich' air a sheinn le Art MacCarmaig, cuideachd à Cliar.
Thugadh coileanaidhean co-aimsireil cuideachd le Iain Moireasdan às a' chòmhlan Poor Old Ben, a thug tlachd gu h-à raid don fheadhainn a b' òige den luchd-èisteachd, agus le Còisir Bun-sgoil Ghà idhlig Ghlaschu a thug taic do chuid de na h-òrain còmhla ri còisir de 100 neach a bha mar amalachadh de Chòisir Gà idhlig Chomar nan Allt, Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, Còisir Bhaile Ghobhainn, Còisir Shruighle agus còisir Choinnich MhicThòmais fhèin, Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu (no an GG).
"Bidh an ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-ciùil agus ginealaichean a tha ri thighinn, a' cleachdadh na dìleib ciùil seo airson mòran bhliadhnaichean ri teachd." |