|
(Taigh-cluiche nan Saoranach, Glaschu, 26 Faoilleach 2007)
Tha FIONA NicCHOINNICH a' faicinn Gà idhlig a' nochdadh mar chà nan buntainneach co-aimsireil am measg à bhachdais freagairt nan Gà idheal do na Vagina Monologue.
LE FIOS gu bheilear a' bruidhinn mu dheidhinn 'Chan eil 'V' ann an GÃ idhlig' ann an co-ionnanachd GÃ idhlig ri 'The Vagina Monologues' (agus sin far a bheil 'V' a' tighinn a-steach ann), chaidhte a-steach do Thaigh-cluiche nan Saoranach a' faireachdainn caran gealtach agus ceasnachail.
Gun teagamh sam bith, tha na bana-chleasaichean a tha na lùib a' feuchainn air stuth an seo a tha ùr-ghnà thaichte ann an saoghal na Gà idhlig - dealbh-chluich sa bheil facail 'mhì-mhodhail' agus a tha a' dol an sàs ann an cuspairean leithid 'foghlam slà inte phearsanta', deuchainnean smiùraidh agus companaich 'gaoil' ròbotach, a tha a' dol a thogail mòran cheistean ann an saoghal na Gà idhlig - agus air an taobh a-muigh cuideachd.
Air a cho-riochdachadh leis An Lòchran, a' bhuidheann ealain Ghà idhlig stèidhichte ann an Glaschu agus an companaidh Cluiche TAG agus air a sgrìobhadh le Seonag Monk, tha an dealbh-chluich air a h-iomradh leis na facail 'Tha triùir bhoireannach a' gabhail tlachd à turas-feasgair don taigh-cluiche. Tha iad a' deasbad air beatha, gaol agus feise. Ach dè mu dheidhinn na deilbh-chluich?'.
Air a thaisbeanadh 'ann an cearcall', tha e a' nochdadh nan tà lantan nach beag aig an t-seinneadair Ghà idhlig, Cathaidh Anna Nic a' Phì à Barraigh agus a tha a-nis a' fuireach ann an Canada; a' bhana-chleasaiche, seinneadair agus riochdaire, Caitlin Nic an Aonghais; agus an seinneadair is eòlaiche beul-aithris, Mairead Bennett.
Thug an dealbh-chluich cothrom cuideachd do 6 nigheanan dheugairean obrachadh air an sgilean sgrìobhaidh agus drà madach fhèin, le bhith ag obair còmhla thar dusan seachdain leis an Stiùiriche Coimhearsnachd, Elly Goodman, gus 9 sgeidsichean goirid a thoirt gu buil, mu dheidhinn raon de chuspairean leithid òraidean Oscair, drà ibhearan boireann, mnathan air am mealladh agus 'an gnè deireannach as fheà rr ann an companaich leiteacs'.
Tha an luchd-amhairc air an glacadh gun fhiosta aig toiseach na deilbh-chluiche nuair a tha sinn a' tuigsinn gu h-obann gu bheil triùir san luchd-amhairc a' cainnt nas à irde na cà ch, ann am measgachadh de Ghà idhlig is Beurla. Tha na triùir shrainnsearan sin sa bhad a' stèidheachadh co-bhà idh eadar iad fhèin 's an luchd-amhairc, a tha air an tarraing a-steach don ghnothaich.Â
Ann an sin gus amharc air dealbh-chluich iad fhèin, tha na triùir bhana-chleasaichean a' taisbeanadh na sgriobt aca ann an dòigh a tha cho meallta agus cho nà darrach, a' gabhail a-steach mòran leasachaidh gun ullachadh agus an eisimeil frith-ghluasadan bhon luchd-amhairc. An ceann mhionaidean, tha an luchd-amhairc nan lùban a' gà ireachdaich.
Bho throimh-chèile Campa Òigridh a' Chomuinn Ghà idhealaich sa Ghearasdan gu stampaichean air an lorg ann an à iteachan nà rach aig à m sgrùdaidhean meidigeach, tha sinn ga fhaighinn uile - chan eil à ite ann airson nà ire no cuingean an seo. Cha robh aon aodann ri fhaicinn san luchd-amhairc a' nochdadh eas-aonta.
Tha casg ga chur air na deasbadan pearsanta bho à m gu à m nuair a thèid an dealbh-chluich cheart agus sgeidsichean nan nigheanan a chur an là thair. Bha na sgeidsichean uile air an taisbeanadh ann an stoidhle mhisneachail, nì a tha iongantach nuair a chuimhnicheas sinn gu bheil iad air am fèin-sgrìobhadh agus air am fèin-leasachadh.
'S e aon de na feartan as là idire san dealbh-chluich an dòigh sa bheil an luchd-amhairc air an toirt, ann am priobadh na sùla, bho à irde na h-à bhachdais gu doimhneachd à mhghair agus eu-dòchais. Dh'fhaodadh gun toir e òirnn a bhith a' faireachdainn caran mì-chofhurtail, ach chan e sin a tha an sgrìobhadair ag iarraidh òirnn a bhith a' faireachdainn - ach sùil a thoirt òirnn fhìn, a bhith a' gà ireachdaich mar deidhinn fhìn, ach cuideachd taobh nas dùbhlanaiche den bheatha a shealltainn dhuinn.
Dh'fhaodadh gun caill daoine gun Ghà idhlig cuid den èibhinneachd as seòlta, ach a dh'aindeoin sin, tuigidh iad a' chuid as motha de bhrìgh na sgeulachd (tha aon de na sgeidsichean air a coileanadh gu tur ann am Beurla), ach nach eil gà ireachdaich gabhaltach, co-dhiù?
Air a thaisbeanadh sa mhòr-chuid tro mheadhan na Gà idhlig, dh'fhaodadh gum biodhte a' dùileachadh gum biodh an dealbh-chluich a' cuimseachadh air saoghal nan Gà idheal, ach a thuilleadh air iomradh an drà sta 's a-rithist air Barraigh no Gà idhlig fhèin, tha an dealbh-chluich seo mu dheidhinn bhoireannach ann an à ite sam bith. Nach saoilibh gu bheil seo na ceum chudromach air adhart do dhrà ma Gà idhlig - gur e cà nan buntainneach, co-aimsireil a th' innte aig a bheil a h-à ite fhèin ann an saoghal sgrìobhaidh agus cluiche.
Tha, tha i anabarrach èibhinn, tha, tha an 't-actadh' - mas e sin a chanas sibh ris oir tha e a' coimhead cho nà darrach - barraichte dìreach mar a tha an stiùireadh, ach tha teachdaireachdan ann dhuinn air diofar ìrean.
Chan eil feasgar mìorbhaileach blà th agus taitneach de ghà ireachdaich - agus òrain - aig a bheil comas air ar n-anaman a bhrodadh ann an dòigh air choreigin, furasta a lorg san latha an-diugh am measg prògraman riochdalachd agus farpaisean-cheist tro fhònadh a-steach. Tha sinn an dòchas gun toir Seonag Monk dhuinn barrachd den sgrìobhadh bhrìoghmhor agus èibhinn aice ann an ùine gun a bhith fada. 'S math a rinn sibh uile!
© Fiona NicChoinnich, 2007
|