OIDHCHE GHEAMAICHEAN-BÙIRD (sa Mhàrt ’26)

BOARD GAMES NIGHT (March ’26)

Dihaoine, an 20mh latha dhen Mhàrt, thill na geamaichean-bùird dhan Lòchran. Chluich Dàibhidh, Eilidh is Seonaidh Scrabble sa Ghàidhlig, agus chì sibh sna dealbhan gu h-ìosal gu dè seòrsa fhaclan a bha iad a’ cur sìos. Am measg nam faclan na b’ inntinniche, bha ùtha ann – sin am facal fireannta ùth (udder) anns an tuiseal ghinideach 🐄

Thall air a’ bhòrd eile, thòisich Eve, Corin, Ethan agus Andy le Jenga. ’S ann gun do dh’fhàs an tùr gu math àrd an turas mu dheireadh (bhideo goirid AN SEO), agus thachair an dearbh rud an turas seo cuideachd! Agus thachair e gun do landaig grunn phìosan fiodha ann an tì Andy nuair a thuit an tùr air a’ cheann thall 🍵😁

Thàinig Michelle a-steach an uair sin agus dh’fheuch an dàrna bòrd ri cairtean a chluich sa Ghàidhlig. Chluich an còignear aca Mau-Mau, geama às a’ Ghearmailt a tha coltach ri Uno. Tha e inntinneach geamaichean le cairtean a chluich sa Ghàidhlig agus a bhith a’ fàs cleachdte ris a’ bhriathrachas sa Ghàidhlig. Rinn Andy againn clàradh beag le cuid dhe na faclan a dh’fheumadh tu airson geama a chluich – seo e gu h-ìosal, le mearachd no dhà ann ach dh’fheumadh a’ mhòr-chuid a bhith ceart ♥️♣️♦️♠️

Chuir sinn crìoch air an oidhche le dà gheama tàileisg, ’s an dithis a bha a’ riochdachadh An Lòchrain air an oidhche a’ cluich an aghaidh a chèile. Abair nàrachadh do dh’Andy sa chiad gheama, ’s Dàibhidh a’ cur tul-chasg air an rìgh aige taobh a-staigh 10 gluasadan 🤣 Gu fortanach, bha an dàrna geama beagan na b’ fhaide agus na bu ro-innleachdaile, agus bhuannaich Andy an uair sin airson an sgòr fhàgail co-ionann 😁

Ma tha ùidh agad ann am beagan briathrachais tàileisg sa Ghàidhlig, rinn Andy clàradh eile leis na faclan as aithne dha gu ruige seo. Tha a chuid rannsachaidh fhathast a’ leantainn, ach seo e (a-rithist, le mearachd no dhà an-siud s’ an-seo ach chan eil càil cheàrr air a’ mhòr-chuid dheth) ♟️♟️

Mòran taing dha na h-aoighean againn a thàinig a-steach agus a ghabh tòrr spòrs còmhla rinn air an oidhche! Bidh sinn air ais a dh’aithghearr airson cuairt eile de gheamaichean a chur air dòigh. Ma tha thu fhèin a’ fuireach ann an Glaschu no faisg air làimh, an tig thusa a-steach airson a bhith nar cuideachd?

Le gaol bhon bhaile mhòr

Andy, Dàibhidh agus sgioba An Lòchrain xx

 

P.S. SEO an liosta de dh’òrain Ghàidhlig / Cheilteach a chluich sinn air an oidhche, ma tha ùidh agad ann.