OIDHCHE GHEAMAICHEAN-BÙIRD (sa Chèitean ’26)

BOARD GAMES NIGHT (May ’26)

Dihaoine, an 22mh latha dhen Chèitean, thill na geamaichean-bùird a-rithist. Bha deichnear ann an trup seo, agus ’s e Scrabble Gàidhlig an geama ris an robh sinn sa mhòr-chuid.

Cuideachd, dh’fheuch Dan agus Max ri tàileasg sa Ghàidhlig. Seo clàradh a chuir sinn ris a’ gheàrr-chunntas mu dheireadh (bho Oidhche Gheamaichean-bùird sa Mhàrt) far an lorg sibh cuid dhen bhriathrachas a dh’fheumas sibh airson an geama a chluich sa Ghàidhlig ⬇️ Ged a tha mearachd no dhà sa Ghàidhlig, dh’fheumadh a’ mhòr-chuid a bhith ceart.

Tàileasg ann an Gàidhlig
Andy B.

Mòran taing dhan fheadhainn - Moira, Max, Dan, Michelle, Melvin, Aodhàn, Ethan, Dàibhidh, Stephen agus Andy - a thàinig a-steach air an oidhche! Dìreach mar a tha e an-còmhnaidh, bha e spòrsail.

Ar taing cuideachd do Sugar Snap, gnìomhachas Annette Smith far an do cheannaich sinn dusan teòclaidean airson na h-oidhche 🙂 Ma tha teòclaid a’ còrdadh riut, nach tadhail thu air an làraich-lìn aca - air neo, ma bhios tu aig An Lòchran fhèin Dihaoine no Disathairne air choreigin, theirig dhan bhùth aig Annette, ’s ann an ath-dhoras rinn a tha i! 🍫

Bidh sinn air ais a dh’aithghearr airson Oidhche Gheamaichean-bùird a bharrachd a chumail.

Le gaol

Sgioba An Lòchrain xx

P.S. SEO a-rithist an liosta de dh’òrain Ghàidhlig / Cheilteach a chluich sinn air an oidhche, ma tha cunntas agad air Tidal.