Mu Dheidhinn an lòchran

’S e buidheann neo-phrothaide a th’ ann an An Lòchran aig a bheil dà mhòr-amas:

  • dualchas agus ealain na Gàidhlig adhartachadh agus àrdachadh ann an Glaschu;

  • làthaireachd sheasmhach fhaicsinneach a stèidheachadh don Ghàidhlig sa bhaile.

Tha Glaschu agus a’ Ghàidhlig fighte fuaighte ri chèile. Tha ainmean-àite den leithid Gart nan Abhall, Eochair agus Coitcheann a’ dearbhadh gun robh a’ Ghàidhlig ga bruidhinn an seo co-dhiù on 12na linn. San latha an-diugh, tha Baile Ghlaschu na dhachaigh do suas ri 10,000 neach-labhairt. Tha am baile aig teis-meadhan adhartachaidh ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, tha saoghal ealain na Gàidhlig sa bhaile beothail adhartach agus tha am baile na dhachaigh do ghrunn math bhuidhnean a tha ag amas air leasachadh na Gàidhlig. Air sgàth seo, tha Baile Ghlaschu a-nis am measg nan àiteachan as cudromaiche a tha ann don Ghàidhlig.

O 1999, tha An Lòchran air a bhith ag amas air beartas dualchas na Gàidhlig àrdachadh, ealain Ghàidhlig adhartachadh agus seo a chur fa chomhair a’ mhòir-shluaigh.

Bu mhath leinn cluinntinn o neach sam bith aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig agus anns na h-ealain Ghàidhlig.

About an lòchran

An Lòchran is a non-profit organisation with two principal objectives:

  • to develop and promote Gaelic arts in Glasgow;

  • to establish a cultural centre for Scottish Gaelic in the city.

Glasgow and Gaelic are inextricably linked. Place-names in the city, such as Gartnavel ‘enclosed settlement of the apple-trees’, Yoker ‘border-land on the river’ and Cathkin ‘common grazing’, prove that Gaelic was spoken here at least as early as the 12th century.  Today, the city is home to almost 10,000 Gaelic-speakers.  It continues to pioneer Gaelic-medium education, has a vibrant Gaelic arts scene and is home to several public bodies striving for progress in Gaelic development.  Glasgow has become established as one of the most important areas in modern Scotland for Gaelic development.

Since 1999, An Lòchran has been striving to celebrate and develop our rich cultural traditions and bring Gaelic culture within reach of a wider population.

We welcome contact from anyone with an interest in Gaelic and Gaelic arts.




An Lòchran receives funding from Bòrd na Gàidhlig

Scottish charity no. SC032731