AN SGIOBA
THE TEAM
Seo beagan fiosrachaidh mun sgioba air leth againn!
Here’s some information about our awesome team!
Moira Piazzoli
Oifigear Coimhearsnachd Gàidhlig
Tha Moira ag obair dhan Lòchran mar Oifigear Coimhearsnachd. Tha i air a bhith an sàs ann an iomairtean cànain on a thòisich i air Gàidhlig ionnsachadh aig Oilthigh Ghlaschu, far an tug i a-mach ceum ann an Àrc-eòlas agus Gàidhlig. Tha i a-nis na h-oileanach maighistireachd agus i a’ rannsachadh leasachadh cànain agus dualchas coimhearnsachd. Bidh i trang ri cladhachadh aig làraichean àrc-eòlach tric gu leòr, an dà chuid gu saor-thoileach agus gu proifeiseanta. Tha fada cus cur-seachadan aice, a’ gabhail a-steach sreap, obair-ghrèise, ealain, coiseachd nam beann, campachadh, agus obair sa ghàrradh. ’S ann às an Eilbheis a tha i o thùs, agus fhuair i àrach dà-chànanach le Eadailtis agus Lombairdis gam bruidhinn aig an taigh.
Moira is the Gaelic Community Officer for An Lòchran. She has been involved in language initiatives since starting to learn Gaelic at the University of Glasgow, where she did a degree in Archaeology and Gaelic. She is now a Masters student researching language revitalisation and community heritage. She is often busy digging at archaeological sites and she has way too many hobbies, including climbing, embroidery, art, hiking, camping, and gardening. Originally from Switzerland, she grew up in a bilingual household speaking Italian and Lombard.
Jonathan Angell
’S e Oifigear na Gàidhlig aig Cùm Alba Boidheach a th’ ann an Jonathan Angell, a’ cur air adhart pròiseactan coimhearsnachd, foghlaim agus àrainneachd tro mheadhan na Gàidhlig. ’S ann à Ulapul a tha e bho thùs, far an do thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh. Choisinn e ceum ann am Foghlam le Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e air a bhith an sàs ann an iomadh iomairt, bho bhith a’ lìbhrigeadh bhùthan-obrach do sgoiltean air feadh na h-Alba gu bhith a’ cur ri leasachadh na Gàidhlig tro chòmhraidhean coimhearsnachd. Nuair nach eil e ag obair, is toil le Jonathan a bhith a-muigh a’ sreap nam beann agus a bhith am measg dhaoine de gach seòrsa, a’ bruidhinn na Gàidhlig ma ghabhas sin dèanamh.
Jonathan Angell is the Gaelic Officer at Keep Scotland Beautiful, promoting community, educational, and environmental projects through the medium of Gaelic. He is originally from Ullapool, where he first began learning Gaelic. He earned a degree in Education with Gaelic from the University of Edinburgh. He has been involved in a range of initiatives, from delivering workshops to schools across Scotland to contributing to the development of Gaelic through community conversations. When not working, Jonathan enjoys being outdoors climbing hills and spending time with people from all walks of life, speaking Gaelic whenever possible.
Andy Beck
’S ann bho cheann a Deas Shasainn a tha Andy o thùs. Rinn e ceum baidealair ann an Gearmailtis is Fraingis aig Oilthigh Bhristol, ’s e a’ ceumnachadh ann an 2009. Thòisich e air Gàidhlig a thogail ann an 2020, agus ’s iomadh rud ann an saoghal na Gàidhlig anns an robh e an sàs bhon uair sin. An-dràsta fhèin, tha e ag obair na eadar-theangadair aig Riaghaltas na h-Alba. Na ùine shaor, is toil le Andy ùine a chur seachad còmhla ri a bhean Ciorstain, rudan a dhèanamh dhan Lòchran, bàrdachd a sgrìobhadh (sa Ghàidhlig aig amannan), agus TBh a choimhead ma tha càil sam bith air as fhiach coimhead ris!
Andy originally hails from the south of England. He did a BA in French and German at the University of Bristol, graduating in 2009. He started learning Gaelic in 2020, and he’s been involved in many Gaelic-related things since then. Currently he works as a translator for the Scottish Government. In his spare time, Andy likes to spend time with his wife Kerstin, do things for An Lòchran, write poetry (sometimes in Gaelic), and watch TV if there’s anything on worth watching!
David Doran
Dàibhidh MacDheoradhain
’S ann à Glaschu a tha Dàibhidh bho thùs. Tha e air a bhith ag obair gu saor-thoileach air bòrd An Lòchrain o chionn 2024. Tron latha, bidh e ag obair làn-ùine mar innealadair bathair-bhuig aig companaidh a chruthaicheas bathar-bog do luchd-saidheans. Tha PhD aige ann an ceimigeachd agus taobh a-muigh a chuid obrach, ’s fìor chaomh leis spòrs, leughadh agus sreap anns na beanntan nuair a gheibh e an cothrom.
David is originally from Glasgow. He’s been working as a volunteer on the An Lòchran board since 2024. During the day, he works full-time as a software engineer at a company that builds software for scientists. He has a PhD in Chemistry; outside of his work he really enjoys sport, reading, and climbing in the mountains when he gets the opportunity.
Maxwell Fry
’S ann à Bournemouth a tha Max bho thùs. Rinn e BA agus MA ann am Feallsanachd aig Oilthigh Durham, agus cheumnaich e ann an 2020. Thòisich e air fuireach ann an Dùn Èideann às dèidh sin. Thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh ann an 2024, agus tha e air a bhith an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig agus ann am pròiseactan le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann agus Cearcall Còmhraidh an sin. Tha e a' dèanamh Gàidhlig gu foirmeil air astar aig Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta. Tha Max air a bhith ag obair roimhe seo ann an Ionmhas, Coimpiutairean agus Còdadh. Anns an ùine shaor aige, is toigh le Max a bhith a’ cluich a’ ghiotàr-bheus agus a’ dol suas beanntan!
Max is originally from Bournemouth. He completed a BA and MA in Philosophy at Durham University, graduating in 2020. He started living in Edinburgh after this. He began learning Gaelic in 2024, and has been involved in the Gaelic community and projects with Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann and Cearcall Còmhraidh in Edinburgh. He is currently studying Gaelic formally via remote learning at Sabhal Mòr Ostaig. Max has previously worked in Finance, I.T. and Coding. In his spare time, Max enjoys playing the bass guitar and climbing mountains!
Luchd-taic eile (Additional Volunteers)
Stephen Dunlop
Friseal MacRaibeirt (Fraser McRobert)
Jenny NicIlleDhuibh (Jenny Black)
Ùisdean Ròs (Hugh Ross)