ANNS A’ BHEART | IN THE WORKS
Glèidh do shùil fosgailte…
Keep an eye out…
Cuairt air Achadh an Droighinn (25mh Iuchar)
Turas bus à Glaschu do dh’ Ach’ an Droighinn le Àdhamh Ó Broin. Bus trip from Glasgow to Auchindrain Township with Àdhamh Ó Broin.
Fastaidh sinn bus agus thèid sinn còmhla às An Lòchran gu Ach' an Droighinn ann an cuideachd Àdhamh Ó Broin. Bidh Àdhamh ag innse beul-aithris agus eachdraidh na Gàidhealtachd dhuinn cho fhad 's a bhios sinn air an t-slighe, agus 's ann bho stiùireadh Àdhaimh a thèid sinn air cuairt nuair a ruigeas sinn an làrach fhèin.
'S e taigh-tasgaidh beò a th' ann an Ach' an Droighinn a tha a' taisbeanadh dòigh-beatha nan Gàidheal mar a bha e suas gu linn nam Fuadaichean. Gus barrachd fhiosrachaidh fhaighinn, tadhail air an làrach-lìn aca an seo: https://www.auchindrain.org.uk .
Bidh àitichean gu leòr airson 14 air a' bhus, ach faodaidh tu coinneachadh rinn aig an taigh-tasgaidh fhèin mura h-eil thu feumach air àite air a' bhus (ach leig fios dhuinn!).
A thaobh prìs nan tiogaidean, tha 3 ann:
£10: do dh' oileanaich, dhaoine gun obair no dhuine sam bith a tha feumach air taic
£25: tiogaid àibhisteach airson a' bhus agus an taigh-tasgaidh
£40: tiogaid le tabhartas. Tha An Lòchran an urra ri taic bhon choimhearsnachd. Bitheamaid glè thaingeil dhut.
Trèanadh Dualchais còmhla ri Cùm Alba Bòidheach
Trèanadh Dualchais I Heritage Training | Keep Scotland Beautiful
Tha An Lòchran ag obair còmhla ri Keep Scotland Beautiful gus trèanadh a thabhainn dhan fheadhainn aig a bheil ùidh ann an dualchas coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig. Tha iarrtasan a-nis fosgailte airson dà chùrsa - Ag innse sgeulachdan dualchais, agus A' cruthachadh thaisbeanaidhean. Anns an dà chùrsa seo, gheibhear cothrom rannsachadh a dhèanamh agus pròiseact beag cruthachail a thoirt gu buil a dh’innseas sgeulachd na Gàidhlig is nan Gàidheal ann an Glaschu. Thèid na pròiseactan an uairsin a thàibeanadh aig àm a' Mhòid san Dàmhair.
Tha na cùrsaichean seo gu tur saor is an-asgaidh, agus tha iad freagarrach do neach sam bith a tha co-dhiù 16 bliadhna a dh'aois is aig a bheil Gàidhlig reusanta fhileanta - bidh na seiseanan gan lìbhrigeadh sa Ghàidhlig, agus 's ann anns a' Ghàidhlig a bhios na pròiseactan/taisbeanaidhean cuideachd. Le sin air ràdh, bidh taic ri faighinn a thaobh sgrìobhaidh is msaa, ma bhios sin a dhìth.
Mholamaid na cùrsaichean seo do neach sam bith aig a bheil ùidh ann an eachdraidh choimhearsnachd is dualchas, agus is dòcha gum biodh iad na dheagh chothrom do dh'òigridh a tha gu bhith deiseil leis an àrd-sgoil is iad a' beachdachadh air eachdraidh a dhèanamh aig an oilthigh, agus do dh'oileanaich a tha a' sìreadh cothroman pròiseact praictigeach a dhèanamh.
Tha teisteanas na lùib, cuideachd, dhan fheadhainn a chuireas crìoch air a' chùrsa.
Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh an seo: Trèanadh Dualchais I Heritage Training | Keep Scotland Beautiful
Heritage Training with Keep Scotland Beautiful
Trèanadh Dualchais I Heritage Training | Keep Scotland Beautiful
KSB will be offering two courses at An Lòchran which will guide participants to research, explore and present stories about Gaelic Heritage in Glasgow.
The courses are fully free of charge and are open to anyone aged 16 and over with fluent enough Gaelic to follow a series of Gaelic-medium sessions and produce a small Gaelic project about heritage in the city. Whether you are about to graduate Secondary School and perhaps considering studying history at university, or a student looking for more practical and community-based experience, or simply passionate about local heritage, you’ll be among friends!
If unsure this is for you, feel free to get in touch! Support with writing and proofreeding will be available where needed, as we understand that not everyone is equally confident.
The course includes an accredited certification.
Sign-up and further information: Trèanadh Dualchais I Heritage Training | Keep Scotland Beautiful