COINNEAMH SAN FHAOILLEACH

JANuARY ’24 MEETUP!

[Gàidhlig]

Tha An Lòchran air ais gus 2024 a thòiseachadh gu h-àrd-nòsach 😉 Seo geàrr-chunntas dhen tachartas Meetup (tachartas dà-chànanach) a ghabh àite san ionad air an 13s dhen Fhaoilleach.

A’ chiad rud a bha mìorbhaileach - bha 21 duine ann! 🙂 Reacord ùr a tha sin aig an tachartas dhà-chànanach, le deagh mheasgachadh de luchd-tòiseachaidh, luchd-ionnsachaidh, fileantaich agus feadhainn aig a bheil Gàidhlig on ghlùn. Thòisich sinn leis an fhòrmat àbhaisteach, ’s sinne a’ cur an aithne a chèile ann an Gàidhlig leis na seantansan Is mise…, Tha mi a’ fuireach ann an…, agus a leithid.

Às dèidh sin, chluich sinn geama eadar-theangachaidh, far an robh aig na h-aoighean ri obair ann an sgiobaidhean beaga gus seantansan goirid eadar-theangachadh bho Ghàidhlig gu Beurla (no an rathad eile). An uair sin, rinn sinn eacarsaich-labhairt stèidhichte air a’ cheist “Ciamar a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig? Innis dhuinn ma dheidhinn!” Bhruidhinn sinn ri chèile fad 15 mionaidean mun chuspair sin 💬🗨️

Às dèidh dhuinn fois a ghabhail, ’s mise a’ gabhail òrduighean cofaidh is tì ann an Gàidhlig, chluich sinn geama eile. Ann an Gàidhlig, ’s e Geama a’ Chrochadair an t-ainm a th’ air - no Hangman mar as aithnichear ann am Beurla! 🪢 Chlàr mi video far am faicear 2 thuras a chluich sinn, agus is math a rinn a h-uile sgioba ’s iad a’ dèanamh a’ chùis air a’ chrochadair mhallaichte 😁 Seo am video, ann an Gàidhlig agus am Beurla:

➡️ Geama a’ Chrochadair ⬅️

Chuir sinn crìoch air fòrmat an fheasgair le bhith a’ dèanamh eacarsaich-labhairt eile (“Dè rinn thu aig àm na Nollaig?”) ’s mise a’ toirt seachad tiop-ionnsachaidh co-cheangailte ri ionnsachadh fhaclan agus abairtean ùra ann an Gàidhlig. An uair sin, sgar sinn an seòmar ann an dà phàirt airson cabadaich ann an Gàidhlig no ann am Beurla - a-rèir ìre na Gàidhlig a bh’ aig gach aoigh. Chaidh cuid dhen luchd-tadhail dhan taigh-sheinnse an ath-dhoras (An Lios Mòr) cuideachd gus pinnt no dhà a ghabhail.

Mìle taing dhan a h-uile dhine a thàinig a-steach, a dh’aindeoin nan teothachdan geamhradail a-muigh! 🥶 Agus gu dearbh, taing do Riccardo airson dealbhan a thogail 📸 Bidh sinn air ais an ath mhìos airson turas eile.

Suas leis a’ Ghàidhlig sa bhaile mhòr!

[English]

An Lòchran hub is back to kick off 2024 in style 😉 Here’s a wee sum-up of the Meetup event (a bilingual event) that took place on January 13th.

First of all, I’m delighted to say that we had 21 people in! 🙂 That’s a new record at the bilingual meetup, with a good mix of beginners, learners, fluent speakers and some native speakers too. We began with the usual format, introducing ourselves to each other in Gaelic with the sentences Is mise…, Tha mi a’ fuireach ann an…, and the like.

After that, we played a translation game where the attendees had to work in small teams to translate short sentences from Gaelic to English (or the other way round). We then did a speaking exercise based upon the question “Ciamar a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig? Innis dhuinn ma dheidhinn!” (“How are you learning Gaelic? Tell us about it!”) We talked for about 15 minutes on this topic 💬🗨️

After we’d taken a break, with me taking tea and coffee orders in Gaelic, we played another game. In Gaelic, it’s called Geama a’ Chrochadair - or Hangman as we know it in English! 🪢 I recorded a video where you can see 2 of the rounds we played, and everyone did well in cheating the cursed hangman 😉 Here’s the video, in Gaelic and English:

➡️ Hangman ⬅️

We finished off with another speaking exercise (“Dè rinn thu aig àm na Nollaig?”, or “What did you do for Christmas?”), and with me providing a learning tip for retaining new words or expressions in Gaelic. We then split the room into two halves, so that people could chat freely in Gaelic or in English, depending on their level. Some of us headed to the pub next door (The Lismore) for a pint or two as well.

Big thanks to everyone who came along, in spite of the seasonal temperatures outside! 🥶 And thank you as always to Riccardo for taking some pics 📸 We’ll be back for another round next month.

Suas leis a’ Ghàidhlig in the big city!

Andy agus an sgioba agaibh @ An Lòchran xx