Cothroman

 

Seachdain na Gàidhlig 2026

Air a mhaoineachadh le Seachdain na Gàidhlig tro Mhaoin nan Tabhartas Beag, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.
Funded by Seachdain na Gàidhlig’s Small Grants Fund with support from Bòrd na Gàidhlig.

Tha sinn a’ sireadh:

Dithis bhàrd airson seisean/bùth-obrach bàrdachd.

1u30, £40 san uair. Uaireigin eadar 23.02.2026 01.03.2026.
Cuiribh fios ro 16/01/2026 gu info@anlòchran.com. Feuch gun nochd na puingean a leanas anns a’ phost-d agaibh

1) Cò sibh 2) Eisimpleir no dhà dhen obair agaibh 3) Dè na làithean a bhiodh freagarrach dhuibh (eadar 23.02.2026 agus 01.03.2026) 4) Cò ris am biodh an seisean coltach?

Seo na tha fa near dhuinn a rèir ar tagradh maoineachaidh do SnaG, ach tha beagan sùbailteachd ann:

“Èistidh sinn ri dàin Ghàidhlig fo stiùir bhàrd ionadail, iomraiteach a bhuineas dhan bhaile. Bidh cothrom ann dhan luchd-amhairc an cuid Gàidhlig a chleachdadh tro bhith a’ leughadh a-mach nam pìosan aca fhèin, ma thogras iad.”

 

Neach-Ealain

Airson bùth-obrach ealain sa Ghàidhlig.
2u, £40 san uair. Uaireigin eadar 23.02.2026 01.03.2026

Cuiribh fios ro 16/01/2026 gu info@anlòchran.com. Feuch gun nochd na puingean a leanas anns a’ phost-d agaibh

1) Cò sibh 2) Eisimpleir no dhà dhen obair agaibh 3) Dè na làithean a bhiodh freagarrach dhuibh (eadar 23.02.2026 agus 01.03.2026) 4) Cò ris am biodh an seisean coltach?

Seo na tha fa near dhuinn a rèir ar tagradh maoineachaidh do SnaG, ach tha beagan sùbailteachd ann:

Fo stiùireadh neach-ealain, cuiridh sinn bùth-obrach cruthachail air dòigh far am faod sinn ealain a chruthachadh còmhla ann an àrainneachd Ghàidhlig.