Tha An Lòchran a’ fastadh!

An Lòchran is hiring! 

Tha sinn a’ sireadh Oifigear Coimhearsnachd Gàidhlig pàirt-ùine a bhios stèidhichte ann an Glaschu, a chuireas taic ri sgioba An Lòchrain gus amasan an ionaid a choileanadh. Thèid an dreuchd seo a mhaoineachadh fad bliadhna, ach tha sinn an dùil gum faigh sinn sìneadh às dèidh sin. Ar taing do Bhòrd na Gàidhlig airson an dreuchd seo a mhaoineachadh.


Fiosrachadh na h-obrach

Tiotal na Dreuchd Job Title:  Oifigear Coimhearsnachd Gàidhlig

Buidheann Organisation: An Lòchran 

Ceannard Reporting To: Bòrd An Lòchrain

Sgeideal na h-Obrach Working Pattern: 

18 uairean gach seachdain, £15,000 (FTE:  £30,000) 

Làrach-obrach Location of Work

Faodaidh an t-oifigear ag obair aig baile nuair a bhios sin iomchaidh, ach bidh amannan ann far am b’ fheudar dhaibh dol dhan ionad ann am Partaig. ’S ann leis An Lòchran a bhios cosgaisean siubhail airson tursan taobh a-muigh Ghlaschu.

Seagh na h-Obrach Job Purpose

  • Taic a chur ri ruith An Lòchrain bho latha gu latha

  • Amasan na dreuchd a choileanadh (gheibhear fiosrachadh man deidhinn gu h-ìosal)

Sgilean-riatanach Essential Requirements: 

  • Fileantachd sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, le comasan leughaidh, sgrìobhaidh agus labhairt 

  • Sgilean digiteach, gu sònraichte eòlas air Microsoft Office, Outlook msaa  

  • Deagh sgilean conaltraidh, a’ gabhail a-staigh bruidhinn air beulaibh luchd-amhairc 

  • Cofhurtail bruidhinn air na meadhanan, an dà chuid meadhanan Gàidhlig agus Beurla, m.e. BBC Alba, RnG 

  • Comasach puist a chruthachadh air na meadhanan sòisealta, gu h-àraid Facebook agus Instagram 

  • Comasach clàr-ama obrach a chruthachadh fo do stiùir fhèin, agus pròiseactan fad-ùineach agus dleastanasan seachdaineil a chothromachadh aig an aon àm 

Buadhan a bharrachd a chuireadh taic dhut Additional Qualities / Nice to haves

  • Cleachte ri bhith ag obair le clann agus daoine seo-leònta eile 

  • Coileanadh ann an dreuchd Ghàidhlig san àm a dh’ aom 


Dòighean obrach

Seanailean conaltraidh

Thèid bòrd An Lòchrain ann an conaltradh ris an oifigear tro: 

  • Am fòn-obrach 

  • Sheòladh post-d An Lòchran 

  • Iomraidhean air faidhlean OneDrive ‘s a leithid 

  • Coinneamhan tro na h-uairean obrach

Taobh a-muigh suidheachaidhean èiginneach, cha toirt bòrd An Lòchrain stiùireadh don oifigear tro sheanail sam bith eile. Tha sinn a’ creidsinn anns an “right to switch off”. Mar sin, chan eil sinn an dùil gun leugh an t-oifigear teachdaireachdan bhuainn taobh a-muigh nan uairean-obrach aca. Bheir sinn fòn-obrach agus laptop-obrach dhaibh.

stiùireadh agus taic

Barrachd air teachdaireachdan sgrìobhte, nì bòrd An Lòchrain an dìcheall a bhith ruigseannach airson coinneamhan cunbhalach a chumail ris an oifigear ma bhios iad ag iarraidh. Bidh sinn ag amas air suas ri dà choinneamh gach mìos a-rèir dè cho iomchaidh ‘s a bhios sin airson taic a chur ris an oifigear.


Amasan na dreuchd

Bidh amasan an lùib na dreuchd seo. Ma choileanas sinn na h-amasan, bidh deagh theanns ann gum faigh sinn sìneadh airson na dreuchd a mhaoineachadh fad bliadhna no dhà eile.

An cois seo, gheibhear ar n-amasan.