Oidhche Bàrdachd: an LUNASTAL ’25
Poetry NIGHT: AUGUST ’25
Dimàirt, an 26mh dhen Lùnastal, chuir sinn oidhche bàrdachd eile air dòigh, an ceathramh oidhche a bh’ againn gu ruige seo ann an 2025. Seo geàrr-chunntas dhuibh.
Thòisich Steven le pìos a thug e leis le Murchadh MacPhàrlain, bàrd à Mealabost anns an Rubha. ’S e Turas a dh’Èirinn an t-ainm a th’ air; cha ghabh a lorg gu furasta air-loidhne, ach ’s e dàn brèagha a bh’ ann gus an oidhche a thòiseachadh. A’ cumadh ri Èirinn mar chuspair, leugh Gille-chrìost an uair sin an dàn Àrd-Mhusaeum na h-Èireann le Somhairle MacGill-Eain. Bheir e iomradh air Seumas Ó Conghaile, am fear-poileataigs Èireannach a rugadh ann an Dùn Èideann agus a chaidh a chur gu bàs as dèidh Ar-a-mach na Càisge ann an 1916:
An lèine bh’ air Ó Conghaile
ann an Àrd-Phost-Oifis Èirinn
’s e ’g ullachadh na h-ìobairt
a chuir suas e fhèin air sèithear
Mas e seo dàn a bheir iomradh air an fheadhainn a bhàsaich sna dùthchannan aca ann an strì phoileataigeach, bha an treas pìos againn mun fheadhainn a chaidh fhuadachadh bho na dùthchannan agus na dachaighean aca. ’S e Na h-Eilthirich (d. 37) le Iain Mac a’ Ghobhainn a bh’ ann; chithear an seo an seòrsa ìomhaighean a lorgar gu tric ann an obair Mhic a’ Ghobhainn:
Muir a’ Mhàigh ud, gu gorm a’ ruith,
gealach air an oidhche, grian air an latha,
ach a’ ghealach mar mheas buidhe,
mar thruinnsear air balla,
ris an tog iad an làmhan,
no mar mhagnet airgeadach
le gathan goirte
a’ sruthadh don chridhe.
’S e Deòrsa Mac Iain Dheòrsa (Beurla: George Campbell Hay) bàrd eile a nochdas sa chruinneachadh bàrdachd a th’ agam aig an taigh. Ged nach eil bàrdachd Mhic Iain Dheòrsa an-còmhnaidh furasta dhan neach-ionnsachaidh (nam bheachdsa co-dhiù), mholainn Dleasnas nan Àirdean (d. 397), an dà chuid air sgàth na Gàidhlig agus na bha fa-near dhan bhàrd leis a’ phìos:
Dheònaich beagan an sàrach
tric los càch a bhith blasad
air an t-sonas chaidh bhuinnig
ri uchd Chumhachdan ’s gaillinn —
sgal na gaoith’ air a’ mhullach,
deò cha chluinnear ’s na srathaibh:
is e tuairgneadh nan àirdean
a bheir sàmhchar don ghleannan.
An seo, bha (agus tha) Mac Iain Dheòrsa ag iarraidh air òigridh na h-Alba an cuid chòraichean a sheasamh, ’s e na nàiseantach Albannach. Nam bheachdsa, gabhaidh an dàn a thuigsinn cuideachd mar shluagh-ghairm do neach sam bith a tha a’ dèanamh iomairt no a’ strì airson atharrachaidhean adhartach a thoirt gu buil. Cha ghabh adhartas a mhealtainn leis a’ mhòr-chuid mura h-eil beagan dhaoine deònach a’ chiad cheum a ghabhail.
Leugh sinn pìos eile le Murchadh MacPhàrlain (Thig am Buachaill’ gu Baile) mu neach-iasgaich nach till dhachaigh, agus dàrna dàn le Somhairle (Calvary). Nochd am pìos a leanas le Niall Gòrdan cuideachd, fear a sgrìobhas stuth a tha “eadar bàrdachd ionadail thraidiseanta agus bàrdachd fhaireachail an latha an-diugh”, ann am faclan Mhaoilios Chaimbeil:
Làir Liath Bhail’ a’ Chaolais
Dìoghaltas siridh i gu bràth
Air fir a dh’adhbhraich pèin is cràdh
A chaoidh bidh is’ air monadh lom
Fo sholas gealaich bidh i ann.
Gheibh thu an dàn air fad ma bheir thu sùil air pròifil Nèill air Facebook, no ma chuireas tu brath thuige.
Bu toil leinn taing a thoirt dhan fheadhainn a thàinig a-steach! Bidh sinn air ais san Dàmhair airson seisean bàrdachd #5 a chur air dòigh!
Chun an uair sin
Andy x