Oidhche Bàrdachd: an t-Ògmhios ’25
Poetry NIGHT: June ’25
Oidhche Ardaoin, an 26mh dhen Ògmhios, chuir sinn air dòigh an treas oidhche bàrdachd a bh’ againn gu ruige seo ann an 2025, às dèidh soirbheas nan oidhcheannan eile (AN SEO agus AN SEO).
Seo blasad dhe na leugh sinn air an oidhche. Thug Gille-chrìost leis grunn phìosan, ’s e a’ gabhail an òrain a leanas, mar eisimpleir:
Òran Eile le Uilleam Ros
Tha mise fo mhulad san àm,
Chan òlar leam dram le sunnd;
Tha durrag air ghur ann am’ chàil
A dh’fhiosraich do chàch mo rùn;
Chan fhaic mi dol seachad air sràid
An cailin bu tlàithe sùil –
’S e sin a leag m’ aigne gu làr
Mar dhuilleach o bhàrr nan craobh.
Anns an òran sa, tha Ros ag innse dhuinn mun phian a dh’adhbhraich an gaol dha. Tha seòrsa cràdh eile ri lorg ann am pìos eile a thagh Gille-chrìost, An Eala Bhàn le cò eile ach Dòmhnall Ruadh Chorùna. Sgrìobh Dòmhnall Ruadh ri linn a’ Chiad Chogaidh e, ’s e a’ sabaid ann an teas-meadhan Blàr an Somme agus ag ionndrainn gu mòr a’ bhoireannaich a b’ ionmhainn leis:
An Eala Bhàn le Dòmhnall Ruadh Chorùna
Tha ’n talamh leir mun cuairt dhìom
’Na mheallan suas ’s na neòil;
Aig na shells a’ bualadh –
Cha leir dhomh bhuam le ceò:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a’ ghunna mhòir;
Ach ged tha ’n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeòid.
Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mun dà phìos AN SEO agus AN SEO. Thug mise leam an aon chruinneachadh beag de nua-bhàrdachd Ghàidhlig ’s a bh’ agam sa Ghiblean, agus a-rithist, thagh mi dàn le Ruaraidh MacThòmais, pìos a sheasas am measg na h-obrach a b’ fheàrr a rinn e:
Clann-nighean an Sgadain le Ruaraidh MacThòmais
An gàire mar chraiteachan salainn
ga fhroiseadh bho ’m bial,
an sàl ’s am picil air an teanga,
’s na miaran cruinne, goirid a dhèanadh giullachd,
no a thogadh leanabh gu socair, cuimir,
seasgair, fallain,
gun mhearachd,
’s na sùilean cho domhainn ri fèath.
Gu mì-fhortanach, tha e dùbhlanach an dàn air fad a lorg air-loidhne. Ach thug MacThòmais iomradh mionaideach an seo air obair agus beatha chruaidh nam boireannach òga, làidir sin. ’S e An Cuan Siar leis an Tiristeach Niall M. Brownlie nach maireann pìos eile far a bheil ceangal ann ris a’ mhuir – muir a tha àlainn aon mhionaid ach a dh’fhàsas fiadhaich gu math luath. ’S e Laurence a thug leis am pìos sa, ’s e air a leughadh mar phàirt dhen chùrsa-bhogaidh Ghàidhlig aige.
Cha robh ùine gu leòr ann gus an dàn mu dheireadh againn a leughadh. Ach seo dhuibh earrann dheth, ’s ann leam fhìn a tha e:
Am Falach le Andy Beck
A’ chaileag
nach snìomhadh a falt na fhigheachain
nach cuireadh dath na h-aodann
no na fabhran.
Nach tilgeadh am ball
nach danns a-null ’s a-nall
A’ chaileag
a fhuair furtachd ann an sgrìn —
meuran tàirneanaich air a’ chlàr
le faclan tàireil.
Bu toil le sgioba An Lòchrain taing mhòr a thoirt dhan fheadhainn a thàinig a-steach air an oidhche! Bidh sinn air ais an ath-mhìos airson seisean bàrdachd #4 a chumail. Chun an uair sin!
Andy x