OIDHCHE GHEAMAICHEAN-BÙIRD

BOARD GAMES NIGHT!

Di-Haoine, 19 am Faoilleach, chuir sinn a’ chiad oidhche gheamaichean-bùird sa bhliadhna ùir air chois 🎲🎲 Agus abair gun robh an t-ionad Gàidhlig againn làn an turas seo, le 15 inbhich agus ceathrar chloinn an làthair 👍🏼 Seo dearbhadh gu bheil Gàidhlig beò sa bhaile mhòr!

An turas seo, bha a h-uile duine (uill, a h-uile inbheach) airson an geama Scrabble Gàidhlig ùr a chluich! 🙂 Agus sin na rinn sinn - bha trì lethbhreacan dhen gheama againn agus mar sin, chaidh an seòmar a sgaradh ann an trì buidhnean. Mar sin, bha ceathrar no còignear nan suidhe aig gach bòrd, agus sin an àireamh fhoirfe gus Scrabble a chluich ann an cànan sam bith 😉 Fhad ’s a bha sinne ga chluich, bha a’ chlann trang le Jenga agus tàileasg - geama eireachdail eile far am feumar ro-innleachd a tha fiù ’s nas adhartaiche ♟️♟️

Ged a bha an Scrabble ùr caran dùbhlanach aig amannan - le beagan eas-aonta eadar na h-aoighean agus sinn fhìn a thaobh nan riaghailtean 😁 - chanainn-sa gur e glè mhath a rinn a h-uile duine air an oidhche 👍🏼👍🏼 Nise, ma tha ùidh agadsa sa gheama cuideachd agus mura h-eil e agad fhathast, faodaidh tu a cheannachd aig Comhairle nan Leabhraichean. No: airson blas beag fhaighinn bhon gheama, nach toir thu sùil air a’ bhideo ghoirid seo a chlàr sinn air an oidhche 📽️

Bu toil leinn “Mòran taing!” a ràdh ris a h-uile duine a thàinig a-steach agus a thug taic dhuinn leis an ullachadh ro-làimh agus an glanadh agus sgioblachadh aig ceann na h-oidhche. Taing shònraichte do dh’Ilse agus do dh’Fhine a bha os cionn an tachartais - tha sinn a’ dèanamh fiughair ris an ath-thuras, a chàirdean còire!

Le gaol
An sgioba agaibh @ An Lòchran xx