OIDHCHE GHEAMAICHEAN-BÙIRD

BOARD GAMES NIGHT!

Bha oidhche eile de spòrs againn Oidhche Haoine, 15 am Màrt! 😎 Chuir sinn oidhche gheamaichean-bùird eile air chois, agus le 10 aoighean a thàinig a-steach, bha 12 ann uile-gu-lèir 🙂👍

Chluich sinn na geamaichean àbhaisteach mar Chiste Ulaidh na h-Alba agus Scrabble ann an Gàidhlig. Ach cuideachd, dh’fheuch sinn geama no dhà eile an turas seo airson faicinn am biodh iad freagarrach do shaoghal na Gàidhlig, gu h-àraid do luchd-ionnsachaidh a’ chànain. ’S e Guess Who? agus Pop to the Shops na h-ainmean a th’ orra, agus ged a bha a’ chiad gheama ag obair glè mhath ann an Gàidhlig, chuala sinn gun robh an dàrna geama na dhùbhlan 😁😜

A dh’aindeoin sin, bha oidhche glè shnog againn agus chaidh mòran dealbhan a thogail. Chì thu taghadh dhiubh gu h-ìosal ⬇️📸 Bidh sinn air ais an ath-mhìos agus tha sinn làn dòchas gum faic sinn ann thu fhèin cuideachd, ma tha thu a’ fuireach ann an Glaschu (no faisg gu leòr!) 🙂 Cuiridh sinn fàilte bhlàth, Ghàidhealach ort! ☕🫖

Taing mhòr dhan a h-uile duine a bha ann - às ur n-aonais, cha bhiodh ionad na Gàidhlig againn cho spòrsail idir. Mar sin, taing mhòr airson na tha sibh a’ dèanamh gus Gàidhlig a chumail a’ dol taobh a-muigh na Gàidhealtachd!

💖 Le gaol 💖
An sgioba agaibh @ An Lòchran xx