OIDHCHE GHEAMAICHEAN-BÙIRD

BOARD GAMES NIGHT!

Uill, uill...Di-Haoine, 16 an Gearran, thill sinn dhan Lòchran gus oidhche gheamaichean-bùird eile a chuir air dòigh. Thàinig 20 duine a-steach uile-gu-lèir, agus nach sinne a bha toilichte gun robh an seòmar gu math làn! 🙂

Chluich sinn geamaichean mar Yahtzee!, Ciste Ulaidh na h-Alba le Stòrlann, agus Scrabble sa Ghàidhlig. Seo video goirid far am faic thu dè bha a' dol:

➡️ Video an seo ⬅️

Gu h-ìosal, gheibh thu dealbh no dhà cuideachd 📸 Nach tig thu fhèin a-steach an ath thuras ma tha ùidh agad ann an Gàidhlig agus geamaichean?

Taing mhòr dhan a h-uile duine a bha an làthair air an oidhche! Agus taing shònraichte dhan fheadhainn a chur an oidhche air dòigh, gu h-àraid do dh'Ilse agus do dh'Fhine 👍🏼 Bidh sinn air ais sa Mhàrt airson turas eile!

Le gaol agus grian ⛅🌤️
An sgioba @ An Lòchran xx