OIDHCHE GHEAMAICHEAN-BÙIRD

BOARD GAMES NIGHT!

Air Di-Haoine, 17 an t-Samhain, thàinig deichnear a-steach airson pàirt a ghabhail ann an oidhche gheamaichean-bùird eile 🎲🎲 Chaidh na geamaichean àbhaisteach a chluich, ach bha e cho spòrsail ris a h-uile turas, gu dearbh! 🙂

’S e Ciste Ulaidh na h-Alba (geama mìorbhaileach le Stòrlann), Jenga agus Ludo na prìomh-gheamaichean a chluich sinn. Fhad ’s a bha na geamaichean a’ dol, bha a h-uile duine a’ dèanamh an dìcheall gus cabadaich sa Ghàidhlig cuideachd 👍🏼 Is math a rinn a h-uile aoigh! 👏🏼

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris an ath thuras, a bhios anns an Dùbhlachd no anns a’ bhliadhna ùir, is dòcha. A thaobh sin, na gabhaibh dragh - cuiridh sinn fios thugaibh tro phost-d neo air na meadhanan sòisealta againn, Facebook agus Insta. Ma tha sibh a’ cleachdadh na goireasan sin, bhiomaid fada nur comain nan leanadh sibh sinn an sin!

Le taing mhòr do dh’Ilse a chur obair chruaidh a-steach gus an oidhche a chur air bhonn 👍🏼 Bha i spòrsail!

Le gaol

An sgioba agaibh @ An Lòchran xx