OIDHCHE Shamhna IS GHEAMAICHEAN-BÙIRD 2025!
HALLOWE’EN & BOARD GAMES NIGHT 2025!
[Gàidhlig]
Abair gun robh spòrs againn air Oidhche Shamhna am-bliadhna! 🎃 Thill na geamaichean-bùird airson a’ chiad uair bho chaidh an cumail tro Sheachdain na Gàidhlig, agus bha tòrr dhaoine ann airson na geamaichean a chluich còmhla rinn, ’s èideadh air cuid dhiubh cuideachd mar a chithear sna dealbhan! ⬇️
Am measg nan geamaichean a chluich sinn, bha Scrabble Gàidhlig agus Ciste Ulaidh na h-Alba ann (geama a chrìochnaich sinn an turas seo, gu h-iongantach!) Air na bùird eile, bhathar a’ cluich Jenga agus geama-chairtean air a bheil Mau-Mau - coltach ri Uno, ach ’s e an tionndadh Gearmailteach a th’ ann (’s ann sa Ghàidhlig a chluich sinn e, ge-tà).
Chithear AN SEO bhideo goirid leis na rinn sinn 🙂
Bha farpais bheag a’ dol cuideachd, airson tòcan-leabhair a thoirt dhan neach air an robh an t-èideadh a b’ fheàrr. Bha e gu math faisg, ach bu toil leinn meal-a-naidheachd a chur air Eve a bhuannaich an tie-breaker air a’ cheann thall 🥳
Bha e cho math na geamaichean a chur air dòigh a-rithist. Thug sinn geall do chuid a dh’aoighean gun cuireamaid na bu trice air dòigh iad, agus sin na nì sinn, a chàirdean! Mar sin, cumaibh ur sùilean fosgailte airson geamaichean-bùird…agus sòmbaidhean, taibhsean, buidsichean is eile 😁
[English]
What a fun night we had on Hallowe’en this year! 🎃 The board games returned for the first time since World Gaelic Week, and lots of people came to play the games with us, some of them wearing fancy dress as you’ll see from the pictures! ⬇️
Among the games we played, there was Gaelic Scrabble and Scottish Treasure Chest (which, surprisingly, we actually managed to finish this time!) On the other tables, folks were playing Jenga and a card game called Mau-Mau - similar to Uno, only it’s the German version (we played it in Gaelic though).
HERE is a short video of what we got up to 🙂
There was a wee competition on too, with a book token awarded to the individual with the best fancy dress. It was very close, but congratulations are to Eve who ultimately won the tie-breaker 🥳
It was so good to put the games on again. We promised some of the attendees that we’d put them on more often, and that’s what we’re going to do, friends! As such, keep your eyes open for board games…and for zombies, ghosties, warlocks and more 😁
💖 Le gaol! | Big love! 💖
An sgioba agaibh | Your team @ An Lòchran xx