OIDHCHE SHÒISEALTA ANN AN DÙN ÈIDEANN
A wee GET-TOGETHER in Edinburgh (Jul. ’25)
Tha sinn toilichte a ràdh gun do chuir sinn tachartas eile air dòigh ann am prìomh bhaile na h-Alba, còmhla ris na caraidean againn bho Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann 🙂 ’S ann air Disathairne, 26 an t-Iuchar a thàinig sinn uile còmhla airson Oidhche Shòisealta a chumail.
Bha Andy againn anns a’ bhaile an oidhche ud co-dhiù, mar sin ’s e deagh leisgeul a bh’ ann rudeigin a dhèanamh còmhla a-rithist. Bha sinn air fàilte a chur air an Ionad mar-thà, ’s Sarah a’ tadhal oirnn ann am Partaig an-uiridh. Thachair buill An Lòchrain ri Sarah agus Wilson triop no dhà anns a’ phrìomh bhaile fhèin cuideachd, m.e. tro Sheachdain na Gàidhlig 2025 no nuair a thadhail sinn air Eaglais nam Manach Liath ann an 2024.
Ged a tha tòrr dhaoine a’ faighinn nan saor-làithean aca aig àm seo na bliadhna, thàinig dusan duine a-steach aig a’ Waverley Bar ann am meadhan a’ bhaile. Chleachd sinn a’ Ghàidhlig cha mhòr fad na h-ùine fad còrr is 3 uairean a thìde, ’s fiosrachadh inntinneach ga sgaoileadh agus beagan fealla-dhà a’ dol cuideachd. Chì sibh gu h-ìosal dealbh no dhà a thogadh air an oidhche – tha sinn duilich nach fhaic sibh an còrr dhen t-soidhne air ar cùlaibh, ach tha sinn a’ gealltainn dhuibh gun robh e ann 😁
Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tachartasan no oidhcheannan eile eadar an dà bhuidheann againn! Mas ann ann an Dùn Èideann a tha thu fhèin a’ fuireach, cuiridh Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann fàilte bhlàth, Ghàidhealach ort aig na tachartasan aca. Faodaidh tu fios a chur thuca AN SEO. Agus cuiridh sinne fàilte ort ann am Partaig cuideachd; ruigidh tu Sràid na Banrighinn, no Partaig fhèin, luath gu leòr leis an trèan. No mas ann leis a’ chàr a thig thu, gabhaidh aplacaid-phàrcaidh a chleachdadh airson àite-pàrcaidh a lorg nach eil a’ cosg fortan.
xx
P.S. ’S e co-thuiteamas a bh’ ann gun robh Màrtainn Mac an t-Saoir ann an stèisean-rèile Waverley aig an aon àm ’s a bha Andy 🙂 Chùm an dithis còmhradh goirid, snog, agus tha sinn taingeil do Mhàrtainn airson a h-uile càil a tha e a’ dèanamh ann an saoghal litreachas na Gàidhlig. SEO bhideo goirid dhuibh a chlàr Màrtainn do Ghuthan nan Eilean.


