Farpais #14: Ionnsachadh còmhla ri Ceitidh!
Feasgar math, a chàirdean! 🙂 Tha sinn an dòchas gu bheil sibh uile gu sunndach, ’s làithean an t-samhraidh a’ tighinn 🌤️
Seo an cuspair a bh’ againn airson farpais #sgrìobhi a’ Chèitein:
Sgrìobh suas ri 150 facal mu dhòigh-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha air leth èifeachdach dhut.
Carson a tha i cho feumail?
Fhuair sinn trì pìosan uile-gu-lèir, ’s sàr-mholaidhean annta uile! Bha fear a’ moladh gum bu chòirear a h-uile cothrom a ghabhail gus còmhradh a chumail ri daoine eile, airson fileantachd a ruigsinn sa Ghàidhlig. Bha tè eile a’ moladh na leanas:
“Ma dh’èisteas, leughas is sgrìobhas tu aig an aon àm, thèid ceanglaichean a thogail nad cheann eadar sgrìobhadh an fhacail is fuaim an fhacail.”
Nach math a tha na molaidhean seo? 🙂 Ge-tà, chan fhaod sinn ach aon bhuannaiche a-mhàin a thaghadh, agus an turas seo, ’s e sin Sandra! 🏆
Sgrìobh Sandra inntrigeadh a sguab air falbh sinn, mar a chanas muinntir na Beurla 😉 An cuala tu a-riamh mu dheidhinn pìos bathair-bhog air a bheil Ceitidh? Mura cuala, seo an teansa dhut.
Bidh Ceitidh a’ tionndadh teacsa gu guth, agus mas math mo chuimhne, ’s ise a’ chiad phìos bathair-bhog leis a’ chomas seo a nochd air a’ mhargadh. ’S e seo - agus an còrr de sgeulachd Sandra - a thug oirnn am pìos a thaghadh mar bhuannaiche.
San t-seagh seo, seo dhuibh Mo charaid, Ceitidh le Sandra.
***
[Gàidhlig]
Cò Ceitidh? ’S e guth text-to-speech anns a’ Ghàidhlig a th’ ann an Ceitidh.
Ciamar a tha Ceitidh feumail?
Tha mi nam dhyslexic. ’S ann doirbh dhomh a tha e an diofar eadar, mar eisimpleir, cluich agus chluich, no cat agus cait a chluinntinn. Fiu ’s eadar e no i.
Ge-tà, ma tha mi a’ sgrìobhadh faclan coltach ri sin ann an Ceitidh, ’s urrainn dhomh èisteachd riutha a-rithist ’s a-rithist. Cluinnidh mi an diofar.
Cleachdaidh mi Ceitidh ann an dòighean eile. Nuair a bhios mi air aithris no sgeulachd a sgrìobhadh, èistidh mi ri Ceitidh ag ràdh nam faclan. Ma chluinneas mi fuaim neònach, ’s dòcha gun do rinn mi mearachd.
Cuiridh mi artaigilean Gàidhlig do Cheitidh, èistidh mi fhad ’s a leughas mi. Nuair a nì mi seo, bidh mi a’ fàs nas fhèarr ann an èisteachd agus bruidhinn.
Sin Ceitidh! Tha i cho feumail ’s a ghabhas.
[English]
Who is Ceitidh? Ceitidh is text-to-speech voice recognition in Gaelic.
In what way is Ceitidh useful?
I’m dyslexic. It’s difficult for me to hear the difference between, say, cluich and chluich, or cat and cait. Even between e and i.
However, if I write words like that in Ceitidh, I can listen to them again and again. I’ll hear the difference.
I also use Ceitidh in other ways. When I’ve written a report or a story, I’ll listen to Ceitidh saying the words. If I hear a strange sound, it might mean I made a mistake.
I send Gaelic articles to Ceitidh, and I listen whilst reading. When I do this, I get better at listening and speaking.
That’s Ceitidh! She’s totally useful.
***
Iongantach, nach e? 🙂 ’S ann leis a’ chompanaidh CereProc a tha Ceitidh. Ged nach fhaod sinn ceanglaichean sanasachd a chur a-steach an seo, gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu Cheitidh agus obair Cereproc air loidhne 👍
xx