SnaG 2025

Seachdain na Gàidhlig ’25: Oidhche FHILM

World Gaelic Week ’25: FILM NIGHT (+ Q&A)

Chomharraich sinn an dàrna latha de Sheachdain na Gàidhlig 2025 le oidhche fhilm ann an cuideachd Àdhaimh Ó Broin, fear gu math ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig, ’s e an sàs ann an grunnan fhilmichean Gàidhlig sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Seo geàrr-chunntas dhuibh!

 

FILMG

Thòisich sinn le 3-4 filmichean le FilmG, buidheann anns nach eil Àdhamh an sàs ach a chuireas a-mach filmichean Gàidhlig inntinneach, spòrsail. ’S e farpais bhliadhnail ghoirid a th’ ann am FilmG, le farpaisean ann do dhaoine aig aois -18 agus 18+.

Choimhead sinn air taghadh de dh’obair FhilmG, na mheasg Falach-Fead (Beurla: Hide and Seek), pìos far a bheil boireannach òg air a sealg tron choille ann an geama marbhtach (?) de “chat is luchag”. No bha Ar Eilean Brèagha ann, far an do dh’ionnsaich sinn mar a chumar na h-Eileanan an Iar glan agus àlainn do luchd-turais…😁

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun shàr-obair ris a bheil sgioba FhilmG, seo an làrach-lìn aca.

 

THE HERRING GIRLS

Thàinig sinn an uair sin dhan chiad fhilm anns an robh an t-aoigh sònraichte againn, Àdhamh Ó Broin, an sàs – The Herring Girls. A dh’aindeoin ’s gu bheil an aon tiotal air pìos bàrdachd ainmeil le Ruaraidh MacThòmais, chan eil sin co-cheangailte ri tiotal an fhilm seo.

Co-dhiù, ’s e film drùidhteach, iongantach a tha seo, ’s e a’ toirt sùil air beatha boireannaich òig nach eil coltach ri clann-nighean an sgadain eile. Chithear mar a chailleas (no mar a lorgas?) i an rathad aice ann an saoghal làn fuachd is pèin. Fhreagair Àdhamh - a bha na leas-riochdaire - ceistean nan aoighean eile an uair sin, ’s diofar bheachdan aig diofar dhaoine mun phìos.

 

1815

Chuir sinn crìoch air an oidhche leis an fhilm 1815 (ochd ceud deug ’s a còig deug). Ann an teas-meadhan Fuadach nan Gàidheal, tha bodach Gàidhealach a’ sireadh “Mòrag”, ’s saighdear Breatannach aithreachail air a thòir ris nach eil e airson facal de Bheurla a bhruidhinn.

Thèid am bodach a chluich le Iain MacRàth, gaisgeach am measg nan cluicheadairean Gàidhealach againn, ’s Stephen Kerr a’ riochdachadh an saighdear a leanas thar na mònach uaigneach e. Is dòcha gu bheil an saighdear air tòir rudeigin eile cuideachd – pìos a th’ air a bhith a dhìth na bheatha fad ùine mhòr a-nis…

 

Bu toil leinn Taing Mhòr! a ràdh ri Àdhamh agus ris a h-uile duine a thàinig a-steach airson na filmichean Gàidhlig sgoinneil seo a choimhead còmhla rinn. Rinn Àdhamh agallamh goirid mun tachartas agus gabhaidh fhaicinn air YouTube AN SEO. Chaidh sianar dhinn an ath-dhoras às dèidh deireadh an tachartais gus pinnt a ghabhail còmhla agus an còmhradh a chumail a’ dol.

Seachdain na Gàidhlig ’25: CAIRTEAN LE CARAIDEAN!

World Gaelic Week ’25: CARDS WITH FRIENDS!

Latha #3 de Sheachdain na Gàidhlig 2025 agus thàinig buidheann de dhaoine chruthachail còmhla aig An Lòchran gus cairtean a dhèanamh còmhla! 🎨🖌️

Chaidh an oidhche seo a chur air dòigh le Màirirose, agus abair gun robh An Lòchran làn le 14 daoine an làthair. Rinn sinn cairtean co-latha-breith, cairtean na Càisge, cairtean le tunnagan orra agus tòrr eile. Chì sibh an tè a rinn Jenny am measg nan dealbhan snoga gu h-ìosal ⬇️

Agus seo na bh’ aig Andy ri ràdh mun oidhche:

Chòrd am bùth-obrach seo rium. Bu toil leamsa a dhèanamh a-rithist san àm ri teachd!

Goirid ach fìor 😁

Chaidh tòrr Gàidhlig a chleachdadh air an oidhche cuideachd, ’s mu 90% dhen chòmhradh anns a’ chànan as ionmhainn leinn. Tha e an-còmhnaidh math a bhith a’ tighinn còmhla aig na tachartasan riaghailteach againn, leithid nan cearcallan-còmhraidh agus Oifis Fhosgailte. Ach ma thèid oidhche shònraichte mar “Cairtean le Caraidean” a chur air dòigh cuideachd, tha e fiù ’s nas fheàrr. Mar as fharsainge a tha an taghadh de thachartasan, ’s ann as fheàrr a tha e do mhuinntir na Gàidhlig 👍

An dòchas gun gabh a dhèanamh a-rithist a dh’aithghearr! Mòran taing dhan a h-uile duine a thàinig a-steach airson oidhche chruthachail, spòrsail a chur air dòigh còmhla.

xx

Seachdain na Gàidhlig ’25: Tachartas A1+

World Gaelic Week ’25: All-Levels Event

[Gàidhlig]

Disathairne, an 2a dhen Mhàrt, thàinig sinn chun an tachartais mu dheireadh a bh’ againn tro Sheachdain na Gàidhlig 2025 😢

’S e deagh thachartas a bh’ ann, ge-tà, airson deireadh na seachdain iongantach, bhrosnachail seo a chomharrachadh. Thàinig mu 15 daoine a-steach, seo geàrr-chunntas de na rinn sinn air an fheasgar:

·      A’ cur an aithne a chèile

·      A’ cur seantansan Gàidhlig gu Beurla (agus an caochladh)

·      A’ dèanamh eacarsaichean-labhairt

·      Ag ionnsachadh mu dhòigh “neònach” gus briathrachas ùr a thogail

·      A’ cluich geama le seantansan mu dhiofar ghaisgich na Gàidhlig, leithid Joy Dunlop, Calum MacIlleathain agus Ruairidh MacThòmais.

Chì sibh gu h-ìosal dealbh beag no dhà, còmhla ri cuid dhe na duilleagan leis an do dh’obraich sinn air an sgrìn mhòr.

Mòran taing dhan fheadhainn a thàinig a-steach gus pàirt a ghabhail san fheasgar agus sna rudan a rinn sinn còmhla! Tha sinn an dòchas gun robh fìor dheagh Sheachdain na Gàidhlig ’25 agaibh, ’s sibh làn spionnadh a thaobh nan tachartasan A1+ eile a bhios againn tron chòrr dhen bhliadhna 🙂

Andy, Dàibhidh agus sgioba AL xx

[English]

On Saturday 2nd March, we came to our last event for World Gaelic Week 2025 😢

That said, it was a good event for marking the end of this awesome and inspiring week. About 15 people came in, here’s a summary of what we spent the afternoon doing:

·      Introducing ourselves

·      Putting Gaelic sentences into English (and vice-versa)

·      Doing speaking exercises

·      Learning an “unusual” method for picking up new vocabulary

·      Playing a game with sentences hinting at different Gaelic heroes, such as Joy Dunlop, Calum Maclean and Derick Thomson.

See below for a wee pic or two, along with some of the slides we worked with on the big screen.

Thank you very much to those who came in to take part in the afternoon and in the activities we did together! We hope you had a really great World Gaelic Week ’25, and that you’re full of beans for the other A1+ events we’ll have on throughout the rest of the year 🙂

Andy, David and the AL team xx

Seachdain na Gàidhlig ’25: Oidhche Bàrdachd

World Gaelic Week ’25: Poetry Night

Thòisich Seachdain na Gàidhlig 2025 aig An Lòchran an-dè, ’s sinn a’ cumail cearcall-còmhraidh eadar 6f is 8f, far an robh 12 duine an sàs. Às dèidh sin, thòisich a’ chiad tachartas sònraichte againn – Oidhche Bàrdachd còmhla ri triùir bhàrd a tha iomraiteach ann an saoghal Gàidhlig Ghlaschu.

 

BETH FRIEDEN

’S ann à New Hampshire anns na Stàitean Aonaichte a tha a’ chiad bhàrd againn, Beth Frieden, o thùs. Thòisich Beth leughaidhean na h-oidhche, ’s i a’ leughadh dàin ùra nach deach fhoillseachadh fhathast agus pìosan bhon phamflaid aice, Acair san talamh (Stewed Rhubarb Press).

Seo criomag bheag de phìos a sgrìobh Beth sa chruinneachadh seo:

 

Chuir mi seachad sia geamhraidhean deug
ann an New Hampshire, ma chunntas mi iad
agus cha chuala mi riamh roimhe an loch
a’ reòthadh. Cha do thuig mi an deigh

- Beth Frieden, Cànan na deighe

 

Mholainn an còrr dhen dàn eireachdail seo a leughadh 😉 Nach tadhail thu air làrach-lìn Stewed Rhubarb Press airson tuilleadh fiosrachaidh agus gus taic a thoirt dhan bhàrd fhèin.

 

SHANE JOHNSTONE

’S ann à Cnoc a’ Ghobhainn (Beurla: Govanhill) ann an Glaschu a tha Shane. Anns a’ chruinneachadh aige Govanhill Anthology, tha e a’ sgrìobhadh ann an iomadh cànan mun sgìre gu math bochd a tha seo, le eachdraidh fìor chruaidh às a dèidh agus dùbhlain fhathast ann san latha an-diugh.

Seo criomag bheag dhen chiad dàn san leabhar:

 

Mu dhà bhliadhna bhuaithe:
sgàin an sruth de chafaidhean cliùiteach,
a dh’ath-dhùisg cridhe nach robh
buileach marbh fhathast.
Dh’èirich an Taobh a Deas.

- Shane Johnstone, Ath-leasachadh

 

Tha sin a’ toirt sealladh dhut a thaobh an t-seòrsa de bheatha cruaidh a bha (agus a tha fhathast) ann, ann an Cnoc a’ Ghobhainn. Gheibh thu lethbhreac dhe leabhar Shane tro Chomhairle nan Leabhraichean.

 

BABS NICGRIOGAIR

Tha Babs a’ buntainn do Steòrnabhagh ann an Leòdhas o thùs, ach ’s iomadh bliadhna a chuir i seachad ann an Glaschu san eadar-àm. Dh’èist sinn ri pìosan bàrdachd a sgrìobh i mu dhaoine chudromach, bhrosnachail na teaghlach, agus cuideachd mun chogadh uabhasach san Ear-Mheadhanach.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhàrdachd aig Babs, gheibh thu facal oirre tro phost-d* no tro Cheòl is Craic, carthannas na Gàidhlig eile ann an Glaschu anns a bheil Babs an sàs 🙂

Bu toil leinn Taing mhòr! a ràdh ris a h-uile duine a thàinig còmhla airson an oidhche shònraichte seo a thoirt gu buill. Tha sgioba An Lòchrain toilichte gun do thachair i, agus tha sinn a’ beachdachadh air barrachd oidhcheannan bàrdachd a chur air dòigh. Chì sinn dè thachras!

* mura h-eil e ag obair, cuir post-d thugainne air info@anlochran.com agus gheibh thu seòladh post-d Bhabs.