Seachdain na Gàidhlig ’26:
FEALLSANACHD IONNSACHADH NA GÀIDHLIG
World Gaelic Week ’26:
PHILOSOPHY OF LEARNinG GAELIC
Airson an latha mu dheireadh de Sheachdain na Gàidhlig 2026 a chomharrachadh, chuir sinn seisean mu dheireadh air dòigh mu ionnsachadh a’ chànain fhèin.
’S ann le Max a chaidh an tachartas seo a stiùireadh. Seo na bh’ aige ri ràdh mun fheasgar ro làimh:
[Beurla] “Learning Gaelic is more than acquiring vocabulary or grammar — it is an encounter with a different way of thinking, feeling, and being in the world. This talk explores the psychological, moral, and philosophical dimensions of learning an endangered language, asking what Gaelic can teach us about meaning, identity, community, and ourselves.
Drawing on lived experience, it introduces practical, human-centred methods that prioritise curiosity, emotional engagement, mistake-making, and respect for idiomatic speech. Gaelic is approached not as a museum artefact to be preserved, but as a living, relational practice — one that reshapes the learner even as the learner helps sustain it.
In this way, language learning becomes transformative: fostering resilience, mindfulness, cognitive flexibility, and a renewed sense of agency.”
[Gàidhlig] “Chan eil ionnsachadh na Gàidhlig dìreach mu bhith ag ionnsachadh fhaclan no riaghailtean gràmair — ’s e cothrom a th’ ann coinneachadh ri dòigh eile air smaoineachadh, faireachdainn agus a bhith beò san t-saoghal. Bidh an òraid seo a’ beachdachadh air na taobhan psych-eòlach, moralta agus feallsanachail a tha an lùib ionnsachadh cànain a th’ ann an cunnart, agus a’ faighneachd dè as urrainn don Ghàidhlig a theagasg dhuinn mu bhrìgh, dearbh-aithne, coimhearsnachd agus mu ar beatha fhèin.
Tha an òraid stèidhichte air eòlas pearsanta, agus bheir i seachad dòighean ionnsachaidh a tha practaigeach agus daonndachail — dòighean a chuireas cuideam air feòrachas, ceangal faireachail, an deòin mearachdan a dhèanamh, agus spèis do chainnt nàdarra nan luchd-labhairt. Chan e rud a th’ air a ghlèidheadh ann an taigh-tasgaidh a th’ anns a’ Ghàidhlig, ach cànan beò, dàimheil — cànan a dh’atharraicheas an neach-ionnsachaidh fiù ’s fhad ’s a tha e fhèin ga chumail beò.
San dòigh seo, bidh ionnsachadh cànain na phròiseas cruth-atharrachail leis an gabh misneachd, mothachadh-inntinn agus sùbailteachd inntinneil a thogail, a thuilleadh air mothachadh nas làidire air comas pearsanta.”
Agus seo na thuirt Max mun fheasgar às dèidh làimh:
"’S e òraid sa Bheurla a bha seo, ach dh’fhaighnich mi “Dè an t-ainm a th’ ort?” agus “Cò às a tha thu?” de gach duine (ochdnar, uile-gu-lèir) a bh’ ann, agus bha tòrr cabadaich ann sa Ghàidhlig bhriste às dèidh na h-òraid fhèin. Co-dhiù, tha mi an dòchas gun robh e brosnachail dhan a h-uile duine a bh’ ann." - Max F.
Tapadh leatsa, a Mhax, airson an seisean seo a ruith! Tha sinn an dòchas gun robh fìor dheagh Sheachdain na Gàidhlig agaibh uile, agus ge bith càite a bheil sibh air an t-slighe-ionnsachaidh agaibh, cumaibh a’ dol!
Moira, Dàibhidh, Jonathan, Max agus Andy xx
Max, stiùiriche an t-seisein
Postair an t-seisein!