Seachdain na Gàidhlig ’26:
Cur air Bhog: Iris do Luchd‑ionnsachaidh
World Gaelic Week ’26:
LAUNCH: The Zine for Gaelic Learners
[English further below]
Geàrr‑chunntas
Chaidh Iris do Luchd‑ionnsachaidh a chur air bhog gu soirbheachail aig An Lòchran, Glaschu, mar phàirt de chomharrachadh Seachdain na Gàidhlig. Chaidh an iris a chruthachadh le taic bhon phròiseact Ar Dualchas, Ar n‑Àm ri Teachd aig Cùm Alba Bòidheach agus tha e a’ cruinneachadh sgeulachdan agus obraichean bho luchd‑ionnsachaidh Gàidhlig air feadh an t‑saoghail.
B’ e tachartas glè shoirbheachail a bh’ ann air sgàth:
• Com‑pàirteachadh eadar‑nàiseanta bho luchd‑ionnsachaidh ann an Alba, Canada, Na Stàitean Aonaichte, Malta, Cìopras agus Iapan.
• Co-obrachadh eadar com‑pàirtichean mar Oilthigh Dhùn Èideann, An Lòchran agus Cùm Alba Bòidheach.
• Fìor dhealas a nochd sna h‑obraichean a chaidh a thaisbeanadh, a’ sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig uabhasach fhèin beò tro chruthachalachd an luchd-ionnsachaidh.
Thuirt Jonathan Angell, Oifigear-foghlaim is -ionnsachaidh na Gàidhlig aig Cùm Alba Bòidheach, gu bheil an iris a’ toirt àrd‑ùrlar ùr do luchd‑ionnsachaidh gus beachdan agus cruthachalachd a roinn agus gus ceanglaichean eadar coimhearsnachdan Gàidhlig a neartachadh air feadh an t‑saoghail.
Faic an iris sa Ghàidhlig an seo:
https://www.keepscotlandbeautiful.org/media/j3pn1uie/gaelic-zine-feb-final-web.pdf
Summary
The Zine for Gaelic Learners was successfully launched at An Lòchran in Glasgow as part of World Gaelic Week ’26. Created with support from Keep Scotland Beautiful’s Our Heritage, Our Future project, the zine brings together stories, reflections, and creative work from Gaelic learners across the world.
The event was a clear success due to:
• Wide international participation, including learners from Scotland, Canada, the USA, Malta, Cyprus, and Japan.
• Strong collaboration with partners such as the University of Edinburgh, An Lòchran and Keep Scotland Beautiful.
• A vibrant display of creativity showing the passion and commitment of learners.
Jonathan Angell, Gaelic Education and Learning Officer at Keep Scotland Beautiful, highlighted that the zine provides an important platform for learners to express themselves and helps strengthen global connections within the Gaelic community.
View the English version of zine here:
https://www.keepscotlandbeautiful.org/media/qwgoezwt/gaelic-english-zine-feb-final-web.pdf
Jonathan, stiùiriche an t-seisein
An Iris do Luchd-ionnsachaidh!