Seachdain na Gàidhlig ’26: Oidhche Bàrdachd
World Gaelic Week ’26: Poetry Night
Airson Seachdain na Gàidhlig 2026 aig An Lòchran a chur air bhog, thill Beth Frieden is Babs NicGriogair dhan ionad airson Oidhche Bàrdachd a chumail. Ro sheòmar a bha làn luchd-èisteachd, leugh an dithis pìosan bàrdachd a-mach (sean is ùr) a sgrìobh iad fhèin – agus abair gun robh e math èisteachd riutha, ’s ceistean is cabadaich a’ dol a-null ’s a-nall eadar gach dàn.
Thòisich sinn le Beth, bàrd a tha às na Stàitean o thùs. Am measg na thug i leatha, bha Beth a’ reic lethbhreacan dhen chruinneachadh aice Acair san Talamh. Seo criomag bheag bhon dàn a dh’fhosglas an leabhar:
Feumaidh cuid dhiubh a bhith àrd,
àrd agus sean,
rudeigin sàbhailte mun sin.
Acair san talamh,
cala airson cadal.
Some of them should be tall,
tall and old,
something safe about that.
An anchor in the land,
a harbour for sleeping in.
- Beth Frieden, Acarsaid / Anchorage
Airson taic a chumail ris a’ bhàrd agus lethbhreac a cheannachd, nach tadhail thu air làrach-lìn Bheth AN SEO.
📃📜📃
Às dèidh Beth, ’s e turas Bhabs a bh’ ann. ’S ann à Leòdhas a tha Babs o thùs agus ’s iomadh cànan a th’ aice, rud a dh’aithnicheas tu na cuid bàrdachd, ’s cànain leithid Gàidhlig, Arabais, Fraingis is Spàinntis a’ nochdadh. Bidh i a’ sgrìobhadh mu phoileataigs, ceartas, cogadh is còraichean dhaoine, ach tha sinn cuideachd cinnteach gun do chòrd am pìos Agua, cerveza y coca-cola ris a h-uile duine 😁 Abair astar àrd air an robh Babs ga leughadh a-mach! 🙂
Ma tha thu airson tuilleadh dhen bhàrdachd aice a leughadh, SEO cruinneachadh anns an nochd dà no trì dhe na pìosan aice. ’S e deagh dhòigh a tha seo coinneachadh ri bàird eile a riochdaicheas a’ Ghàidhlig san latha an-diugh cuideachd.
Ar taing do Bheth is Babs airson tighinn a-steach, agus dhan a h-uile duine a bha an làthair airson èisteachd riutha agus ceistean a chur air an dithis aca! Cùm do shùilean air cuairt-litir An Lòchrain – is dòcha gun cuir sinn tuilleadh oidhcheannan de “Bhàrdachd le Beth is Babs” air dòigh sna mìosan a tha romhainn.
xx