Seachdain na Gàidhlig ’26:
Oidhche FHILMICHEAN
World Gaelic Week ’26: FILM NIGHT
Lean sinn air adhart le Seachdain na Gàidhlig ’26 tro bhith a’ cumail Oidhche Fhilmichean ann an cuideachd Àdhaimh Ó Broin. Sheall sinn beagan fhilmichean a tha co-cheangailte ri saoghal na Gàidhlig anns an robh Àdhamh fhèin an sàs mar neach-comhairle Gàidhlig.
Am measg nan dealbhan seo, bha The Herring Girls ann agus ’s ann leis an fhilm seo a thòisich sinn. Chan eil e co-cheangailte ri tiotal an dàin ainmeil Clann-nighean an Sgadain le Ruaraidh MacThòmais; ge-tà, seasaidh am film leis fhèin mar dhealbh goirid cumhachdach, drùidhteach. ’S ann mu bhoireannach òg a tha e, ’s i a’ strì airson a h-àite a lorg ann am beatha far a bheil e follaiseach gu bheil rudeigin a dhìth oirre…
’S e 1815 film goirid eile air an tug sinn sùil. ’S ann air Fuadach nan Gàidheal a tha am film brònach seo a-mach – linn uabhasach, fòirneartach ann an eachdraidh nan Gàidheal. Tha am film a’ leantainn dithis a th’ air fulang fo na fuadaichean, ’s iad air na dachaighean aca (agus cha mhòr a h-uile càil eile) a chall. Tha Àdhamh fhèin a’ nochdadh ann am meadhan a’ phìos, agus is cinnteach gun aithnich thu am “bodach” san fhilm seo. Gu dearbh, ’s e Iain MacRàth a th’ ann, am fear a chluich Sir Douglas anns an t-sreath Ghàidhlig An t-Eilean! 🙂
Airson tuilleadh fhaicinn mu na filmichean anns an robh Àdhamh an sàs mar neach-comhairle, seo beagan cheanglaichean dhut (agus tha tòrr mòr a bharrachd ann):
Ar taing dhut, Àdhaimh, airson tighinn a-steach air an oidhche agus ceistean nan aoighean a fhreagairt. Agus mòran taing dha na h-aoighean againn cuideachd, tha sinn an dòchas gun do chòrd an oidhche ribh uile!
xx