TACHARTAS A1+ SA MHÀRT ’26

ALL-LEVELS EVENT MAR. ’26

‍ ‍

[Gaelic first, English second]

‍‍ ‍

Disathairne, an 14mh latha dhen Mhàrt, chùm sinn tachartas do luchd-ionnsachaidh eadar ìrean A1 (fìor neach-tòiseachaidh) agus B1 (eadar-mheadhanach). Seo geàrr-chunntas air na rinn sinn!‍‍

A’ cur an aithne a chèile

Is toil leam an-còmhnaidh a bhith a’ tòiseachadh leis an luchd-ionnsachaidh a’ cur an aithne a chèile aig na bùird fa leth aca. Chuir mi beagan sheantansan sìmplidh air an sgrìon (m.e. Is mise…, Tha mi à…, Tha mi a’ fuireach ann…) airson taic a chumil riutha.

Geama #1 – Seantansan

Chluich sinn an uair sin geama le tuilleadh sheantansan, ’s seo a’ gabhail a-steach tòrr fhaclan-ceiste leithid Ciamar a tha an t-sìde?, Càite a bheil thu a’ fuireach?, th’ annad?, Carson a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig? amsaa. Thug sinn cuideachd sùil air “A bheil…” mar a’ chiad sheòrsa ceist a gheibhear ann an còmhradh Gàidhlig (m.e. A bheil Gàidhlig agad?), agus air na freagairtean Tha…, Chan eil…, Chan eil mi cinnteach, Chan eil fios agam amsaa.

‍ ‍

Eacarsaich-chòmhraidh #1 – “Ciamar a tha thusa ag ionnsachadh Gàidhlig?”

Leis a’ cheist seo, chùm an luchd-tadhail aig gach bòrd còmhradh sìmplidh sa Ghàidhlig an uair sin, ’s gach neach a’ dèanamh a dhìcheall airson a’ cheist a fhreagairt mus do chuir e air an ath neach aig a’ bhòrd i. Rinn a h-uile duine an dìcheall an seo, agus a rèir na bha mi a’ cluinntinn aig gach bòrd, ’s ann glè mhath a rinn iad!

‍ ‍

☕🫖🍵

‍ ‍

Geama #2 – Fìrinn no Breug?

Às dèidh fois le tì is cofaidh, chluich sinn geama nach do chluich sinn a-riamh roimhe aig An Lòchran, geama a bha stèidhichte air fìrinnean is breugan. Chluich sinn ann an trì cuairtean an geama seo, agus bha aig gach sgioba fa leth seantansan Gàidhlig a chluinntinn / a leughadh agus innse dhomh an robh iad fìor no an e breug a bh’ annta. Mar sin, bha an geama rud beag coltach ris an t-sreath ùr Mas Fhìor air a’ BhBC – agus gu dearbh fhèin, dh’fheuch mi ris na h-aoighean a bhrosnachadh am prògram fhèin a choimhead. ’S e sàr-obair a tha Niall Iain, na h-aoighean is na Mas-fhìorich ris, agus tha sinn uile taingeil gu bheil MG ALBA a’ cur rudan mar seo air dòigh 🙂 Gheibh thu AN SEO na h-eapasodan a chaidh a chraoladh gu ruige seo, le fo-thiotalan ann sa Bheurla cuideachd.

Seo mar a bha cùisean a’ seasamh às dèidh a’ gheama a chluich sinne aig An Lòchran:

🥇 Sgioba Aotearoa (Kate, Dan, Roy, Jonah) – 7

🥈 Gun Sgot (Stephen, Aita, Ben, Janet, Ethan) – 6

🥉 Ceathrar Charaidean (Dàibhidh, Grant, Coinneach, Dùghlas) – 2

‍ Chì thu sna dealbhan gu h-ìosal dè seòrsa cheistean a bh’ againn ⬇️⬇️

‍ ‍

Eacarsaich-chòmhraidh #2 – “Dè na cur-seachadan a th’ agad?”

Chuir sinn crìoch air an fheasgar le eacarsaich-chabadaich eile. An turas seo, ’s ann air a’ cheist gu h-àrd a bha an eacarsaich stèidhichte, agus a-rithist, chuala mi deagh oidhirp bhon a h-uile duine aig gach bòrd 👍 Sin an dearbh adhbhar a nì sinn am measgachadh de gheamaichean is eacarsaichean seo aig an tachartas seo – airson ’s gum fàs na h-aoighean againn a thaobh fileantachd is misneachd, ’s iad a’ gabhail spòrs aig an aon àm. Sin deagh dhòigh airson rud sam bith ionnsachadh! ‍

Às dèidh beagan cabadaich ann an dà bhuidheann fa leth (tè sa Bheurla, tè sa Ghàidhlig), rinn sinn beagan sgioblachaidh agus dhùin sinn an t-ionad. Mòran taing dhan a h-uile duine a bha an làthair, tha mi an dòchas gun do chòrd am feasgar ribh gu mòr! Chì sinn an ath thuras sibh!

‍ ‍

Le gaol

Andy, Dàibhidh, Stephen agus sgioba An Lòchrain xx

‍ ‍

[English]

‍ ‍

On Saturday 14th March, we held an event for learners between A1 (complete beginner) and B1 level (intermediate). Here’s a summary of what we got up to!‍‍

Introducing ourselves

I always like to start with the learners getting to know one another at their tables. I put a few straightforward sentences on the screen (e.g. Is mise…, Tha mi à…, Tha mi a’ fuireach ann…) to help people here.‍

‍ ‍

Game #1 – Sentences

We then played a game with more sentences, including learning many question words such as Ciamar a tha an t-sìde?, Càite a bheil thu a’ fuireach?, th’ annad?, Carson a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig? etc. We also took at look at “A bheil…” as the first kind of question you get asked in a Gaelic conversation (e.g. A bheil Gàidhlig agad?), and also at the answers Tha…, Chan eil…, Chan eil mi cinnteach, Chan eil fios agam etc.

‍ ‍

Speaking exercise #1 – “Ciamar a tha thusa ag ionnsachadh Gàidhlig?”

With the question How are you learning Gaelic?, our guests at each table tried a simple conversation in Gaelic, with everyone doing their best to answer each question before asking it to the next person on their table. Everyone did their best here, and from what I was hearing at each table, they did very well!

☕🫖🍵

‍ ‍

Game #2 – Truth or Tripe? 😁

Following a wee tea and coffee break, we played a game we’ve never actually played before at An Lòchran – a game based on truths and lies. We played this game in three rounds, with each team hearing / reading sentences in Gaelic and trying to figure out if they were true or untrue. In that sense, the game was a bit similar to the new BBC series Mas Fhìor – and of course, by playing the game I was attempting to get the learners interested in watching it! Niall Iain, his guests and his Pretenders are doing great work for the Gaelic language, and we’re all very grateful to MG ALBA for putting shows like this on 🙂 Go HERE to see the episodes they’ve broadcast so far, with full subtitles in English as well.

Here was the state of play at the end of the game we played at An Lòchran:

🥇 Team Aotearoa (Kate, Dan, Roy, Jonah) – 7‍ ‍

🥈 Team Clueless (Stephen, Aita, Ben, Janet, Ethan) – 6‍ ‍

🥉 The Four Friends (David, Grant, Kenneth, Doug) – 2

Check out the pictures below to see what sort of questions we used ⬇️⬇️

Speaking exercise #2 – “Dè na cur-seachadan a th’ agad?”

We brought the afternoon to a close with the question What hobbies do you have? And again, I heard some good efforts from everyone at each table 👍 That’s the very reason I mix the games up with exercises like this at this event – so that people grow in fluency and confidence whilst also having fun at the same time. That’s a good way of learning anything!

‍After a wee bit of chatting in two separate groups (one in English, one in Gaelic), we did some tidying away and closed up. Thank you to everyone who came along, I hope you really enjoyed the afternoon! We’ll see you again next time.

‍ ‍

Big love‍ ‍

Andy, David, Stephen and your An Lòchran team xx‍