Barrachd Gàidhlig Ghnàthasach le Àdhamh Ó Broin
Às dèidh soirbheachais a’ chiad sheisein Gàidhlig Ghnàthasach, thill Àdhamh O’ Broin agus an nighean aige, Caoimhe, dhan Lòchran gus innse dhuinn barrachd mu dheidhinn a’ Bheurlachais a tha air a bhith a’ taomadh a-steach nar cuid Gàidhlig. Mura robh cothrom agad geàrr-chunntas a’ chiad sheisein a leughadh, gheibhear e an seo. Mholainn e don fheadhainn a tha airson cuidhteas fhaighinn ri truailleachd a’ Bheurlachais cho math ‘s urrainn dhaibh.
San dàrna sheisean, bha Àdhamh agus càch a-mach air sgeulachdan èibhinn a bha a’ buntainn ri dualchainntean, cainnt nan Albananich is nan Èireannaich, agus am buaidh eadar-dhealaichte a thug am Beurlachas orra. Bha fiù ‘s dithis luchd-turais ann às a’ Ghearmailt a dh’ ionnsaich beagan Gàidhlig Ghnàthasach am feadh a bha iad ann am Baile Mòr nan Gàidheal.
Mar a rinn sinn sa chiad gheàrr-chunntas agus gun bharrachd meabadaich bhuam-sa, seo liosta de Bheurlachas air an robh Àdhamh a-mach:
LIOSTA ÀDHAIMH DE BHEURLACHAS CHUMANTA
1. Rinn mi suas m’ inntinn
Beurla (intended) : I made up my mind
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Chuir mi romham e
Eiseimpleir: Cha robh mi cinnteach gun rachainn gu seisean Gàidhlig Ghnàthasach le Àdhamh O’ Broin, ach chaidh innse dhomh gur e duine gasta a bh’ ann an Àdhamh. Mar sin, chuir mi romham a dhol ann.
2. Tha sin a’ dèanamh ciall
Beurla (intended): That makes sense
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha ciall ann
3. Tha mi airson a’ dèanamh cinnteach
Beurla (intended): I want to make sure
Gàidhlig nas gnàthasaiche:
a: Tha mi airson dearbhadh
b: Tha mi airson feuchainn*
Eiseimpleir: Tha mi airson dearbhadh (feuchainn) gu bheil an tì agus cofaidh aig An Lòchran saor às an-asgaidh mus tèid mi ann.
*Mìneachadh: tha fios againn gun canadh a’ mhòr chuid “feuchainn” nuair ‘s e “attempting” a bhios fa-near dhaibh, ach cùmaibh nur cuimhne gu bheil ciall eile ann, a’ gabhail a-steach “testing” no “demonstrating” ann am Beurla.
4. Tha mi a’ bruidhinn mun chuspair
Beurla (intended): I am speaking about the subject / topic.
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ chuspair.
5. Rinn thu gu math
Beurla (intended): You did well / well done.
Gàidhlig nas gnàthasaiche:
a: Is math a rinn thu
b: Is tu a rinn feum
6. Tha mi air an eilean
Beurla (intended): I’m on the island
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha mi san eilean.
Mìneachadh: Chleachdamaid riochdaire eile ann an Gàidhlig.
7. Ruith iad a-mach à beachdan
Beurla (intended): They ran out of ideas
Gàidhlig nas gnàthasaiche:
a: Chan eil tuilleadh bheachdan aca.
b: Chan eil beachdan a bharrachd aca
c: Tha an cuid bheachdan air fàs gann
Mìneachadh: air sgàth gur e samhla cho cumanta ‘s a ghabhadh a th’ anns an abairt seo ann am Beurla, cha mhòr nach mothaich duine gur e samhla a th’ ann idir. Chan eil ciall ann sa Ghàidhlig, ge-tà. Leis nach eil casan aig beachdan, cha b’ urrainn dhaibh a’ ruith idir.
8. Ruith iad a-mach à uine
Beurla (intended): They ran out of time.
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha an uine air ruith orra
Mìneachadh: Ged a chleachdas sinn an gnìomhair “ruith” san abairt seo, cha ruith càil “à uine” ach ‘s ann “air” a ruitheas uine.
9. Tha an coire air
Beurla (intended): The kettle is on
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha an coire air dòigh
10. Chaill e a-mach
Beurla (intended): He lost out
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Chaill e an cothrom.
11. Bha an duine seo ann
Beurla (intended): This guy was there (when the person is unknown).
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Bha an leithid seo de dhuine ann.
Eiseimpleir: Bha an leithid seo de dhuine ann air an robh lèine-t Ghàidhlig An Lòchrain. Feumaidh gur e duine gasta a bh’ ann.
Mìneachadh: ann an cainnt mì-fhoirmeil ann am Beurla, faodar ag ràdh “this guy was there” is nì sin an gnothach, ach chan eil sin mar a tha e ann an Gàidhlig. Ma chanas tu “an duine seo”, bhiodh luchd-èisteachd a’ sùileachadh ri duine sònraichte.
12. Tha i a’ coimhead airson a brògan
Beurla (intended): She is looking for her shoes.
Gàidhlig nas gnàthasaiche:
a: Tha i a’ sireadh a brògan
b: Tha i a’ siubhail a brògan*
*Ann an dualchainnt Uibhist
13. Tha sinn a’ coimhead math
Beurla (intended): We (are) look(ing) good
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha coltas math oirnn
Eiseimpleir: Tha sinn sgeadaichte ann an lèintean-t Ghàidhlig An Lòchrain. Tha coltas math oirnn.
A-null ‘s a-nall, a-nìos ‘s a-nuas, sìos ‘s suas
Tha na facail ud air dragh a chur air iomadh neach-ionnsachaidh na Gàidhlig. A bheil dragh air a bhith ort-sa fhèin man deidhinn? Ma tha, tog frog ort, oir chuir ar n-Àdhamh agus Caoimhe gu ceart iad tro thaisbeanadh èasgaidh ‘s leum iad a-null ‘s a-nall, a-nìos ‘s a-nuas, sìos ‘s suas air feadh an t-seòmair gus sealltainn dhuinn ciamar a chleachdas sinn gach facal fear mu seach ann an suideachadh a tha iomchaidh.
Cleachd na faclan a leanas nuair a bhios tu a-mach air rudan a tha a’ tighinn gad ionnsaigh:
Tighinn: a-nìos, a-nuas, a-nall
Cleachd an feadhainn eile gus gluaiseachd asad a chur an cèill:
Dol: sìos, suas, a-null
Gheibhear eiseimpleirean dhe na mearachdan as cumanta gu h-ìosal:
14. Tha e a’ tighinn suas
Beurla (intended): He is coming up (towards direction of the speaker).
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha e a’ tighinn a-nìos.
15. Tha iad a’ tighinn sìos
Beurla (intended): They are coming down (towards direction of the speaker)
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha iad a’ tighinn a-nuas.
16. Tha i a’ dol a-nìos
Beurla (intended): She is going up (direction away from the speaker)
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha i a’ dol suas.
17. Tha i a’ dol a-nuas
Beurla (intended): She is going down (direction away from the speaker)
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha i a’ dol sìos.
S(h)uas agus s(h)ìos
Mar a tha fios agad, tha buaidh mòr aig an litir bheag “H” ann an Gàidhlig. Ma chuireas tu sèimheachadh air na facail a tha san tiotal seo, ‘s cinnteach nach bi thu a-mach air gluaiseachd.
18. Tha iad nan còmhnaidh suas an staidhre
Beurla (intended): They are residing upstairs
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha iad nan còmhnaidh shuas an staidhre.
19. Tha sinn sìos an staidhre
Beurla (intended): We are downstairs.
Gàidhlig na gnàthasaich: Tha sinn shìos an staidhre.
20. Tha na h-eòin suas sna speuran
Beurla (intended): The birds are up in the sky.
Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha na h-eòin shuas sna speuran.



