#20: Latha nan Dealan-dè

Bliadhna Mhath Ùr dhut, a charaid! 🙂

Tha farpais #sgrìobhi air ais anns a’ bhliadhna 2026. A bheil cuimhne agad air cuspair farpais an Fhaoillich?


"Air latha àbhaisteach, tachraidh rudeigin neònach gu h-obann.

Dè th’ ann?"


Wow…fhuair sinn an àireamh a bu mhotha de sgeulachdan a fhuair sinn a-riamh an turas seo! Agus a-rithist, bha measgachadh de dhùthchannan ann, ’s daoine às an Danmhairg, à Alba, à Canada agus às a’ Ghearmailt a’ cur a-steach.

Leis gun robh e uabhasach faisg, gheibh thu gu h-ìosal taghadh beag dhe na sgeulachdan a chòrd rinn gu sònraichte 🙂 Ach mar bhuannaiche, ’s e Stella à Montréal, Canada a fhuair “am bonn òr” an turas seo 🥇

Sgrìobh i am pìos àlainn, àlainn a leanas - “Latha nan Dealan-dè” 🦋🦋 Meal do naidheachd, Stella a charaid! Seo clàradh-gutha, an sgeul fhèin, agus eadar-theangachadh gu Beurla dhuibh.

 


Latha nan Dealan-dè

B’ e latha earraich àbhaisteach a bh’ ann, sia bliadhna air ais. Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh agus cha robh i ro bhlàth no ro fhuar. Latha àlainn, latha àlainn àbhaisteach.

Bha mi a’ coiseachd air slighe ri taobh na h-aibhne. Gu h-obann, chunnaic mi dealan-dè beag orains. Agus an uairsin fear eile agus fear eile…agus fear eile! Cia mheud a bh’ ann? Caogad, ceud?

Bha iad uile ag itealaich agus a’ dannsa mun cuairt orm ann an solas na grèine. Am b’ e aisling a bh’ ann? Cha b’ e, b’ e dìreach latha àbhaisteach draoidheil a bh’ ann.

[English]


Day of the Butterflies

It was an ordinary day in springtime, six years ago. The sun was shining, and it was neither too warm nor too cold. A beautiful day; a beautiful, ordinary day.

I was walking on a path along the river. All of a sudden, I saw a wee orange butterfly. And then another, and another…and another! How many where there? Fifty? A hundred?

They were all flying and dancing around me in the sunlight. Was it a dream? No — it was just an ordinary, magical day.

Nach e sealladh bòidheach a tha sin? Seo a-nis dà phìos eile (ann an Gàidhlig a-mhàin) a fhuair sinn. Thagh sinn a’ chiad fhear leis gur e sgeulachd gu math Ceilteach-Gàidhealach a th’ ann, ’s Uibhist a Tuath (agus a’ Chòrn!) aig teas-meadhan dheth 🌊

Eadar an Dà Thràigh (le Mark)

Mar as àbhaist, bha mi air an tràigh anns a’ Chòrn ro èirigh na grèine. ’B e latha brèagha a bh’ ann — sàmhach agus blàth. Bhuail a’ chiad solas air na creagan.

Dè bha sin? Bha uamh ann! Chan fhaca mi sin a-riamh roimhe.

Chaidh mi a-steach don uaimh. Bha i dorcha ach b’ urrainn dhomh ceòl a chluinntinn agus lean mi e.

Chunnaic mi solas eile agus thàinig mi a-mach às an uaimh.

Bha mi air tràigh eile. Càite an robh mi?

“Tha mi air a bhith a feitheamh riut,” thuirt guth eòlach. “Am bu toil leat bracaist?”

B’ e mo charaid, Oighrig, a bh’ ann! Bha mi air tràigh Hosta ann an Uibhist a Tuath.

Agus seo an dàrna sgeul eile a thagh sinn…feumaidh mi ràdh gun tug tiotal, agus susbaint, an sgeòil seo gàire orm 😁 Pìos cruthachail a th’ ann bho thè a ghabhas pàirt gu bitheanta ann an #sgrìobhi (die uns tatkräftig unterstützt, mar a chanas iad sa Ghearmailtis).

Mar a thachair mi ri ur n-athair (le Steffi)

Rugadh mi ann an 1754 (seachd ceud deug, caogad ’s a ceithir). Nuair a bha mi trì deug bliadhna a dh’aois, fhuair mi obair aig teaghlach beairteach. Bhithinn ag obair sa chidsin mar rìbhinn.

Latha a bha seo, chaidh mi chun a’ mhargaidh, mar a b’ àbhaist. Air an t-slighe, chunnaic mi rudeigin neònach. Bha coltas taighe air is chaidh mi a-steach ann.

Taobh a-staigh, bha duine ann a’ putadh putanan. Thàinig fuaim uabhasach a-mach às. Gu h-obann, bha sinn ann an àm eile, san latha an-diugh. Bha sinn air siubhal ann an inneal tìme.

Seo mar a thachair mi ri ur n-athair.

Tha sinn an dòchas gun do chòrd na sgeulachdan seo riut! 🙂 Cùm do shùilean fosgailte, ’s farpais a’ Ghearrain air an t-slighe!

Andy xx

An LochranAn Lòchran