#21: Cogaidhean Cidsin
Sin thu fhèin, a charaid! 👋
Fhuair sinn trì sgeulachdan airson farpais #sgrìobhi a’ Ghearrain. Nise…a bheil cuimhne agad air a’ chuspair? Seo e a-rithist:
Tha na h-innealan cidsin agad air tighinn beò, agus tha pearsantachdan sònraichte aca.
Dè an ath rud a thachras? 😎?
(Your kitchen appliances have come to life and taken on special personalities.
What happens next? 😎)
Ged a bha na pìosan air fad cruthachail agus èibhinn, bha fear ann a sheas a-mach dhuinn, mar a chanas iad 🙂 ’S ann le Steffi a tha e, ’s i air sgeulachd a sgrìobhadh air eas-aonta mòr sa chidsin 😁 Chan e Star Wars no Star Trek a tha seo, ach “Cogaidhean Cidsin” 🍴🍽️
Meal do naidheachd, Steffi! Seo mar as àbhaist clàradh-gutha, an sgeulachd fhèin, agus eadar-theangachadh gu Beurla.
Tha an cidsin gu lèir fo smachd na h-àmhainne. An cidsin gu lèir? – Uill, tha aramaiche no dhà ann fhathast, nam measg gaisgeach òg, treun – Coire Dealain.
Tha latha a’ chatha mu dheireadh air tighinn.
Àmhainn: Tha a h-uile inneal cidsin co-ionann ach tha cuid de dh’innealan cidsin nas co-ionnanaiche na cuid eile. Thig ri mo thaobh.
Coire Dealain: Cha tig!
Nigheadair-shoithichean: Nuair a choimheadas tu air an taobh theth, faiceallach feumaidh tu a bhith.
Measgadair-dealain: Bithibh fada beò is soirbhichibh!
Àmhainn: Ist! Tha thusa anns an dealbh-chluich cheàrr.
[le guth teasmhor] A Choire Dealain, is mise do mhàthair!
Coire Dealain: Ach ’s i ’n abhainn mo mhàthair eile. Gabh uisge!
Leis a sin, chaochail Àmhainn.
Cumaibh ur sùilean fosgailte, ’s “Cogaidhean Cidsin a dhà – Tilleadh an Nigheadair-shoithichean” air an t-slighe!
[English]
Kitchen Wars
The whole kitchen is controlled by the Oven. The whole kitchen? – Well, one or two rebels are still standing, including a young, brave hero – Electric Kettle.
The final day of battle has arrived.
Oven: All kitchen appliances are equal, but some kitchen appliances are more equal than others. Come to my side.
Electric Kettle: No way!
Dishwasher: When you look at the hot side, careful you must be.
Electric Mixer: Live long and prosper!
Oven: Quiet! You’re in the wrong play.
[in a heated voice] Electric Kettle…I am your mother!
Electric Kettle: But the river’s my other mother. Here, have some water!
With that, Oven died.
Keep your eyes peeled for “Kitchen Wars 2 – Return of the Dishwasher”, coming soon!
🍴🍴🍴
Tha sinn an dòchas gun tug seo gàire ort! 🙂 Chì sinn an ath mhìos thu.
Andy xx