#22: Tha sinn deiseil

Sin sibh, a chàirdean còire!

Tron Mhàrt, fhuair sinn trì sgeulachdan (dìreach mar a fhuair sinn sa Ghearran) airson farpais #sgrìobhi. Seo an cuspair a bh’ ann:

Sgrìobh sgeulachd Ghàidhlig bheag suas ri 200 facal mun earrach agus na tha an ràith seo a’ ciallachadh dhut fhèin.

(Write a wee story in Gaelic of up to 200 words about spring, and what this season means to you.)


Abair gun robh na sgeulachdan a fhuair sinn bho Steph, Steffi agus Sabine àlainn is cruthachail, mar a bha sinn an dùil 🙂 Ge-tà, mar a chanas sinn an-còmhnaidh, agus ged a bha e glè fhaisg, chan fhaod ach aon sgeulachd a bhuannachadh, agus an turas seo…

…’s e sgeulachd Sabine a bh’ ann! 👏

’S ann à Hamburg sa Ghearmailt a Tuath a tha Sabine, agus bidh ise agus Steffi againn (a tha a’ fuireach faisg air làimh) fiù ’s ag ionnsachadh còmhla beagan an siud ’s an seo. Nach eil sin snog? Seo dhuibh “Tha sinn deiseil”, an sgeulachd uabhasach àlainn a sgrìobh Sabine mu àm an earraich agus mun chruth-atharrachadh a thig air an t-saoghal timcheall oirnn.

Meal do naidheachd, Sabine! 🥇 Seo clàradh-gutha, an sgeulachd fhèin, agus eadar-theangachadh gu Beurla dhuibh.



Tha sinn deiseil

Nuair a tha an sneachd air falbh, nuair a tha a’ ghrian a’ fàs nas làidire, tha mi a’ dùsgadh. Tha e dorcha timcheall orm fhathast. Ach tha mi ag èisteachd ri ceòl an earraich! Tha mo fhreumhaichean a’ cladhach tron ùir. Tha uisge na h-ùire gam lìonadh gu slaodach, agus tha mi a’ fàs agus fàs agus fàs gus gu h-obann, tha mo cheann a’ bristeadh an ùir-uachdair.

Solas. Deò. Saorsa. Tha mi deiseil airson an earraich.

Chan eil mi nam aonar. Tha a’ chiad dhealan-dè a’ sgiathadh gu gortach timcheall orm. Tha seilleanan-mòra a’ sgiathadh gu gortach timcheall orm. Chan eil biadh agamsa dhaibh. ’S e lus gun fhlùranan a th’ annam fhathast.

Tha lusan eile timcheall orm. Tha mi a’ faireachdainn an sgairte sònraichte de gach lus. Tha sinn a’ bruidhinn ri chèile tro ar freumhaichean. Tha sinn deiseil, deiseil airson aiteasan an earraich.

[English]

Ready for Spring

When the snow has taken its leave, when the sun grows stronger, I awaken. At the moment, all is dark around me. But I can hear the music of spring! My roots reach down through the soil. The water of the earth slowly fills me, and I grow, and grow, and grow until suddenly, my head breaks through the topsoil.

Light. A breath of wind. Freedom. I’m ready for the spring.

I’m not on my own. The first butterfly flutters hungrily about me. Bumble bees buzz hungrily about me. I don’t have any food for them; I’m still a flowerless plant at this stage.

Other plants are around me. I can feel the unique vigour of each one. Through our roots, we speak to one another. We’re ready, ready for the joys of spring.

🌼🌷🌼🌷🌼

Tha sinn an dòchas gu bheil sibh fhèin deiseil airson ràith an earraich, cho cudromach, àlainn ’s a tha e 🙂 Chì sinn an ath mhìos thu airson sgeulachd eile!

Andy xx

An Lochran

A’ brosnachadh na Gàidhlig ann an Glaschu.

Previous
Previous

Riaghailtean - Rules

Next
Next

#21: Cogaidhean Cidsin