#23: Haiku sa Ghàidhlig
Sin thu fhèin, a charaid!
Tha an t-àm ann a-nis buannaiche farpais #sgrìobhi a’ Ghiblein ainmeachadh. A-rithist, fhuair sinn trì pìosan; seo an cuspair a bh’ againn:
Sgrìobh haiku dùbailte no trìbilte ann an Gàidhlig, air cuspair sam bith.
’S ann bho Eilidh, Sabine agus Steffi a fhuair sinn na trì haicuthan. Agus a-rithist, bha e glè fhaisg, ’s Eilidh a’ sgrìobhadh trì rannan mu bhith na neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, fhad ’s a sgrìobh Steffi mu atharrachaidhean san aimsir (uisge 🌧️ + grian ☀️ = bogha-froise 🌈).
Ge-tà, ’s e a’ haicu le Sabine a fhuair làmh an uachdair air an dà phìos eile air a’ cheann thall. Meal do naidheachd, Sabine! 👏
Seo dhuibh “ciamar”, a’ haicu aig Sabine mu smutag (a coal-tit) a’ tadhal air ròs, feuch an lorg i meanbh-fhrìde no dhà ann. Le clàradh-gutha, a’ haicu fhèin, agus eadar-theangachadh gu Beurla.
ciamar
ciamar a thachair
an smutag bheag ealamh ris
an ròs gheamhradh-ruisgt’
mar ghath na grèine
mar a’ bheatha ùr fhèin - is
dh’fhalbh i “tìoraidh”
how
how did the coal-tit
so small and swift, come to meet
the winter-shorn rose
like a beam of light
like new life itself - and then
she flew away “bye”
Mas e amas haicu gun tèid tachartas glè ghoirid a ghlacadh, nach math a rinn am pìos seo sin 🙂 Tha sinn an dòchas gun do chòrd e riut!
Nise…ma tha thu airson tuilleadh haicuthan a leughadh sa Ghàidhlig, tha moladh againn dhuibh: an Iris do Luchd-ionnsachaidh leis a’ chom-pàirtiche againn Cùm Alba Bòidheach! 🙂 Tha fear ann, Kyriakos, a chuir 7 no 8 haicuthan ris an iris. Gheibh thu AN SEO (sa Ghàidhlig) no AN SEO (sa Bheurla) iad, faisg air ceann na sgrìobhainn (agus mholamaid an còrr cuideachd!)
Le taing do Jonathan, do dh’Isla, is dhan a h-uile duine a chuir seo air dòigh.
Andy agus sgioba An Lòchrain xx