#24: Tòimhseachan-tarsainn Gàidhlig II
Sin thu! 👋
Ceart…an do dh’fhuasgail thusa an tòimhseachan-tarsainn Gàidhlig a chuir sinn air dòigh do mhìos a’ Chèitein?
Seo e a-rithist: CEANGAL
Fhuair sinn ceithir freagairtean, ’s iad a’ tighinn bho Ali, Kate, Sabine agus Steffi an turas seo. “Mealaibh ur naidheachd” dhan fheadhainn a dh’fhuasgail an tòimhseachan air fad agus cuideachd dhan a h-uile duine airson deagh oidhirp a dhèanamh 👍 Rinn cuideigin nur measg a’ chùis air an tòimhseachan taobh a-staigh 24 uair a thìde às dèidh dhuinn an donas rud a luchdadh suas 😁 A rèir coltais, feumaidh sinn an dèanamh nas duilghe, haha!
Co-dhiù…mus tagh sinn buannaiche, bha rud inntinneach ann…lorg na farpaisich againn cuid a fhreagairtean nach robh againne idir, ach a bha ceart a dh’aindeoin sin. Seo eisimpleir no dhà:
8 Bàtaichean-iasgaich (12 litir) - ’s e eathraichean a bh’ againne. Ge-tà, lorgadh iùbhraichean (Beurla: cutters) cuideachd. Agus gu dearbh, gabhaidh iùbhrach [boir.] a chleachdadh mar bhàta-iasgaich cuideachd. Mar sin, ghabh sinn ris an fhreagairt seo ✅
14 Sèimh (6 litrichean) - ’s e socair a bh’ againne ana-sheo. Ge-tà, bha dithis ann a lorg am facal mòthar cuideachd - facal nach b’ aithne dhuinn fhìn. Leis an aon àireimh de litrichean, agus le r aig ceann an dà fhacail, ghabh sinn ri sin cuideachd.
Ceart…chun a’ bhuannaiche a-nis. Chaidh na h-ainmean a chur ann am poit, ’s buannaiche ga thaghadh an uair sin. Agus an turas seo…
…’s e Kate a th’ ann! 🥇
Meal do naidheachd, a charaid! 👏 Mar a gheall sinn, gheibh thu duais bheag tro phost-d sna beagan làithean a tha romhainn.
Seo dhuibh a-nis am fuasgladh mar a bha e againne ⬇️ Mòran taing dhan a h-uile duine a ghabh pàirt, agus aig àm air choreigin san àm ri teachd, cuiridh sinn tòimhseachan a bharrachd air dòigh!
San eadar-àm, nach cùm sibh ur sùilean fosgailte, ’s farpais an Ògmhios air an t-slighe a dh’aithghearr…
Le gaol mòr
Sgioba An Lòchrain xx