#25: U-47
Haidh! 👋
Seo sinne a-rithist…agus seo cuspair na farpais a bh’ againn am mìos sa chaidh:
Thèid teachdaireachd Ghàidhlig glè chudromach a chur tro mheadhan…còd Mhorse.
Dè thachras? Sgrìobh suas ri 200 facal ma dheidhinn!
Fhuair sinn ceithir sgeulachdan, ’s iad a’ tighinn bho Steffi, Jan, Eilidh agus Sabine. Bha e glè, glè fhaisg. Sgrìobh Jan sgeulachd inntinneach, dhìomhair mu chleachdadh còd Mhorse ann an taigh-tasgaidh. Sgrìobh Eilidh tè mu theachdaireachd còd Mhorse a’ dol eadar taigh-solais agus gàrradh-shoithichean. Agus bha pìos aig Sabine mu theachdaireachd Mhorse a thuig drumair ann am prìosan, ’s e ga cluich air an druma aige gus a sgaoileadh gu dìomhair. Mòran taing dhuibh airson ur n-oidhirp agus mac-meanmna! 👏
Ge-tà - mar a chanas sinn gach trup - chan fhaod ach aon sgeulachd a-mhàin a bhuannachadh. Agus ’s ann le Steffi a bha i an turas seo 🏆 Pìos eachdraidheil eile mu long-fo-mhuir (Gearmailtis: U-Boot) a bh’ ann tron Dàrna Cogadh, mus deach i à sealladh, gun fhios aig duine sam bith chun an latha an-diugh carson…
Seo dhuibh “U-47”. Meal do naidheachd, Steffi! 👏
[Gàidhlig]
B’ e Fritze a bh’ aca air, agus b’ e neach-brathaidh Albannach a bh’ ann. Bha e air bòrd na U-47, long-fo-mhuir Ghearmailteach a sgrios an Royal Oak ann an Caolas Scapa san Dàmhair 1939, agus fhuair e a-mach mar a rinn Günther Prien, caiptean na U-47, sin.
A-nis, dh’iarr e an long-fo-mhuir fhàgail. Nuair a bha e na aonar, chuir e teachdaireachd: - .... .- / -- .. / -.. . .. ... . .. .-.. .-.-.- (Tha mi deiseil.)
An dèidh greiseag thàinig freagairt: -- .- -.. .- .. -. -. / .- -....- -- .--.- .. .-. . .- -.-. .... / .- .. --. / --- -.-. .... -.. / ..- .- .. .-. . .- -. .-.-.- (Madainn a-màireach aig ochd uairean.)
Cha do thuig na Gearmailtich sin, ach thuig esan.
Air an 7mh latha den Mhàrt 1941, bha an U-47 sa Chuan Siar gu deas air Innis Tìle agus air taobh siar nan Eilean Siar. Bha a h-uile stuth aig Fritze na bhaga. Chaidh e dhan tiùb-toirpeid gun fhios aig càch. Dhùin e an doras air a chùlaibh agus dh’fhosgail e am fear air a bheulaibh. Chaidh e a-mach às an long-fo-mhuir agus shnàmh e suas gu uachdar a’ chuain.
An sin chunnaic e an HMS Wolverine faisg air, fhad ’s a bha an U-47 a’ spreadhadh.
[English]
They called him Fritze, and he was a Scottish spy. He was on board the U-47, a German U-boat that destroyed the Royal Oak at Scapa Flow in October 1939, and he heard about how Günther Prien, captain of the U-47, had orchestrated it.
He now wished to leave the U-boat. When he was alone, he sent a message: - .... .- / -- .. / -.. . .. ... . .. .-.. .-.-.- (Tha mi deiseil. I am ready.)
Shortly afterwards, there was an answer: -- .- -.. .- .. -. -. / .- -....- -- .--.- .. .-. . .- -.-. .... / .- .. --. / --- -.-. .... -.. / ..- .- .. .-. . .- -. .-.-.- (Madainn a-màireach aig ochd uairean. Tomorrow morning at eight.)
The Germans didn’t understand that, but he did.
On March 7th 1941, the U-47 was in the North Atlantic, south of Iceland and off the west coast of the Outer Hebrides. All of Fritze’s belongings were in his bag. Secretly he went down to the torpedo tube. He closed the door behind him, and opened the one in front of him. He exited the U-boat and swam to the surface of the ocean.
There, he saw the HMS Wolverine close by, whilst the U-47 was exploding.
Mòran taing airson an sgeulachd a leughadh, agus tha sinn an dòchas gu bheil an clàradh feumail cuideachd. Chun an ath thuras!
Sgioba An Lòchrain xx