#26: Anns a’ Chùirt

Sin thu fhèin, a charaid! 👋

A bheil cuimhne agad air cuspair farpais-sgrìobhaidh a’ mhìos sa chaidh?

Mur h-eil, seo e dhut a-rithist:


Anns an fhilm Home Alone, tha Marv agus Harry (na ‘Rògairean Fliuch’) a’ ruith às dèidh Kevin...ann an Gàidhlig.
Dè thachras an uair sin?

In the film Home Alone, Marv and Harry (the ‘Wet Bandits’) are running after Kevin…in Gaelic.
What happens next?

Cothrom èibhinn, gu dearbh, airson a bhith cruthachail le do chuid Gàidhlig! Agus am mìos seo, tha sinn toilichte innse dhuibh uile gur e Steffi a-rithist a rinn an gnothach! 🥇 Meal do naidheachd, a charaid!

Gheibhear sgeulachd Steffi gu h-ìosal ⬇️ Ach an toiseach, SEO pìos èibhinn (agus pianail 😜) às an dàrna film, Home Alone 2: Lost in New York. Am measg nan cànan uile a chluinnear an seo, dè a’ Ghàidhlig a chuireadh tusa air “HARRY! I’ve reached the top!” ? 😁

Cuir thugainn do chuid mholaidhean sna Comments ⬇️⬇️ Seo fear no dhà leinn fhìn, ’s coltas Gàidhealach orra ’s dòcha:

“HARRY! Tha mi aig mullach na beinne!”

“HARRY! Tha mi air an gearastan a ghabhail thairis!”

Right…seo dhut a-nis “Anns a’ Chùirt” le Steffi.


Anns a' Chùirt
Steffi

[Gàidhlig]

“A Chaoimhin MhicAlastair, tha thu fo chasaid iomadh eucorach truime!

Chan eil teagamh sam bith air gun do rinn thu dochann air Harry Lyme agus Marvin Merchants le gunna, le iarann, le bucaid-pheant, agus le innealan eile. Bha na gnìomhan sin air leth cunnartach agus neo-fhreagarrach.

Chuir thu Mgh. Lyme agus Mgh. Merchants ann an cunnart le teine, le rudan troma a thuit bhon àirde, [...] Bha thu mothachail air a’ chunnart, ach rinn thu na h-eucoirean co-dhiù.

Rinn thu cron air dorsan, air staidhrichean, air ballachan [...] Gu h-àraid, le teine agus deigh. Dh’fhaodadh sin bàs adhbharachadh gu furasta. Tha fianaisean gu leòr ann! Lorg sinn comharraidhean air feadh an àite.

Agus, cha b’ e fèin-dìon a bh’ ann na rinn thu idir! Bha thu nad aonar san taigh, ach bha cothrom agad teicheadh no cuideachadh fhaighinn.

A Chaoimhin MhicAlastair, dè chanas tu mu dheidhinn seo? A bheil dad sam bith agad ri ràdh mus tèid am binn a leughadh?”

“Cùm na sgillinnean, a Chreutair Shalaich!”

[English]

“Kevin McCallister, you stand accused of multiple serious felonies!

It is evident that you attacked Harry Lyme and Marvin Merchants to their injury, using a gun, an iron, a bucket of paint and other contrivances. These actions were highly dangerous and inappropriate.

You jeapordised the health of Mr. Lyme and Mr. Merchants by means of fire, and heavy objects that reached terminal velocity [...] You were aware of the dangers of your actions, but perpetrated the offenses regardless.

You also proceeded to wreck doors, stairways and walls [...] This predominantly was via fire and ice. Such conduct could easily cause permanent death. The evidence is in no short supply! We recorded signs of such activity everywhere.

Furthermore, you cannot claim you acted in self-defence! You were home alone, but you had the opportunity to run, or to call for help.

Kevin McCallister, what do you have to say for yourself? Is there something you’d like to share before the sentence is read out?”

“Keep the change, ya Filthy Animal!”

😁 Chun an ath thurais!

Sgioba An Lòchrain xx

An Lochran

A’ brosnachadh na Gàidhlig ann an Glaschu.

Previous
Previous

Farpais an Lùnastail! | August Competition!

Next
Next

#25: U-47