#27: An Dealbh Sgriosail
Sin thu fhèin! 👋
Tha an t-àm ann a-nis buannaiche na farpais-sgrìobhaidh a bh’ againn san Lùnastal fhoillseachadh! 🏆
Ach an toiseach, seo an cuspair a-rithist:
Tha cuideigin a’ lorg uidheam-smachd cèin a chuireas an ùine air ais deich mionaidean.
Dè thachras an uair sin?
Someone finds a remote control that rewinds time by 10 minutes.
What happens next?
Cothrom èibhinn eile, tha sinn an dòchas, gus do chuid sgilean-sgrìobhaidh a chur gu feum! Ghabh triùir pàirt san fharpais - ’s iad Gwen, Steffi agus Jenny. Ach chan fhaod sinn ach aon bhuannaiche a-mhàin a thaghadh. Agus an turas seo…
…’s e Gwen a th’ ann. Meal do naidheachd! 🥇
Leughaidh agus cluinnidh tu sgeulachd Gwen gu h-ìosal ⬇️ Seo dhut “An Dealbh Sgriosail”. A-rithist, dh’fhàs mi beagan cruthachail leis an eadar-theangachadh gu Beurla.
[Gàidhlig]
Bha Lilidh na h-oileanach ealain agus cha robh ach beagan uairean a thìde air fhàgail gus a pròiseact deireannach a chrìochnachadh. B’ e seo dealbh mòr de mhuir stoirmeil air an robh i air seachdainean de dh’obair a chur seachad, ach bha e fhathast a’ coimhead sgriosail!
Nuair a ghabh Lilidh ceum air ais a choimhead air, bhuail i uidheam smachd iomallach an telebhisein far a’ bhùird. Rug i air dìreach mus do bhuail e an làr, ach bhrùth i am putan dearg gun fhiosta. Gu h-obann, las an seòmar agus mhothaich i gun robh an gleoc air leum air ais deich mionaidean... An toiseach, shaoil i gun robh i ga mealladh fhèin. An uair sin thuig i gun robh an uidheam smachd iomallach air an ùine a thionndadh air ais!
Gus a teòiridh a dhearbhadh, pheant Lilidh tonn dubh, sgriosail tarsainn meadhan an deilbh sgriosail, agus an uair sin bhrùth i am putan a-rithist...
Chaidh an ùine air ais 10 mionaidean a-rithist, ach bha am peant dubh air a dhol à bith. Agus bha e coltach ri muir iongantach stoirmeil, le uilebheist-mara dubh, eagalach mòr a’ nochdadh bho na tuinn, le figear na shuidhe air a dhruim. Bha e dìreach coltach ri Lilidh fhèin...
[English]
Lily was an art student, with only a few hours left to finish her final piece. This was to be a large painting of a storm-tossed sea that she’d spent weeks working on – but it still looked terrible!
When Lily took a step back to look at it, she knocked the TV remote off the table. She caught it just before it hit the floor, but by aciddent, she pressed the red button. All of a sudden the room lit up, and she noticed that the clock had jumped back ten minutes… At first she thought she was imagining it. But then, she realised that the remote control had really turned back time!
To confirm her theory, Lily painted a horrible black hole right across the terrible painting, and then she pressed the button again…
The time went back another ten minutes, but the black paint had vanished. And the painting resembled a unbelievable, swirling sea, with an enormous black creature rising from the waves. Sitting on its back was a figure, who looked just like Lily…
Tha sinn an dòchas gun do chòrd sgeulachd Gwen - agus an deireadh ris nach robhar an dùil - riut! Ma tha thu fhèin airson pàirt a ghabhail ann am farpais #sgrìobhi, gheibh thu farpais na Sultaine (the September competition) AN SEO.
Le meas
Sgioba An Lòchrain xx