#28: Cha till i gu bràth
Haidh a charaid! 👋
Uill uill…’s e mìos na Dàmhair a th’ ann agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil àm a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail dìreach romhainn! Bidh mòran a’ dol tro mheadhan na Gàidhlig, agus ann an co-cheangal ris a’ chànan bhrèagha againn, ann an Glaschu.
Seo na chuireas sgioba #sgrìobhi ris a’ Mhòd 🙂 A bheil cuimhne agad air cuspair a’ mhìos seo?
Thèid neach-turais an sàs ann am farpais a’ Mhòid Nàiseanta 2026 - an aghaidh a toile.
Dè thachras an uair sin?
A tourist ends up involved in a National Mòd 2026 competition - unwillingly.
What happens next?
Cothrom cudromach a th’ ann gu dearbh, ’s e co-cheangailte ri dualchas na Gàidhlig. Fhuair sinn dà sgeulachd, agus tha sinn toilichte innse dhut gur e an neach a leanas a bhuannaich am bonn òr 🥇 …
…Steffi!
Leugh agus èist ris a’ phìos fìor mhath aice, “Cha till i gu bràth”, gu h-ìosal ⬇️ Le clàradh-gutha agus eadar-theangachadh gu Beurla.
[Gàidhlig]
Ged a bha i a’ fuireach ann an eilean fada air falbh bho Alba, bha i measail air òrain Ghàidhlig. Nuair a bha i òg, dh’ionnsaich i òran no dhà bho chailleach Albannach a shiubhail dhan eilean. An dèidh greiseag, bha a h-òrain cho bòidheach ri òrain nan eun. Ach dh’iarr a’ chailleach oirre: “Seinn anns a h-uile h-àite san t-saoghal ach aig a’ Mhòd!”
A-nis bha i a’ seinn ann an còisir agus ag aisling air tadhal a dh’Alba. Cha robh ùidh aice anns a’ Mhòd. Gus an fhìrinn a ràdh, cha robh mòran eòlais aice ma dheidhinn. Bha i airson an dùthaich fhèin fhaicinn.
Chuala BBC Alba ma deidhinn agus mar sin fhuair i cuireadh airson a bhith a’ seinn ann an Alba. Abair naidheachd mhìorbhaileach.
Ann an Alba, bha i air àrd-ùrlar ann an talla glè mhòr. Ghabh i òran. Dh’fhàs an talla air fad sàmhach air sgàth eireachdas an òrain. Bhuannaich i bonn-òir. Dh’iarr an luchd-èisteachd oirre seinn a-rithist.
Ach obh obh! Gun fhiosta agus an aghaidh a toile, bha i aig a’ Mhòd. Sheinn i: “Cha till, cha till, cha till MacCruimein...” – an dèidh sin cha robh ann ach ceò.
[English]
Although she lived on an island far from Scotland, she enjoyed Gaelic songs. When she was young, she’d learned one or two songs from an old Scottish lady who visited the island. It wasn’t long before her songs were as beautiful as birdsong. But the old woman asked of her: “Sing anywhere in the world, but not at the Mòd!”
Now, she was singing in a choir and dreaming of visiting Scotland. She had no interest in the Mòd. To be honest, she didn’t know all that much about it. It was the country that she wanted to see.
BBC Alba heard about her, and she received an invitation to sing in Scotland. What a wonderful message to receive!
In Scotland, she found herself standing on a grand stage. She sang a song. The entire hall fell silent at the beauty of the song. She won a gold medal, and the audience asked her to sing again.
But oh no! Without knowing it, and against her will, she was at the Mòd. She sang: “Cha till, cha till, cha till MacCruimein…” (“MacCrimmon won’t return, return, return…”) – after that, there was nothing but mist in her wake.
Tha sinn a’ guidhe Mòd Nàiseanta Rìoghail 2026 sona dhut! 🙂🥇🥈🥉 Innis dhuinn dè bhios tu fhèin ris aig àm a’ Mhòid. Leis gum bi Andy againn thall-thairis seachdain no dhà san Dàmhair, cha tèid farpais #sgrìobhi a chumail am mìos seo. Ach: ged nach till MacCruimein, tha fhios gum bi sinne a’ tilleadh, agus sin san t-Samhain. Bidh #sgrìobhi air ais an uair sin.
Le gaol
Sgioba An Lòchrain xx